Taisbeanadh pàrlamaideach a’ rùrach na h-Alba tro lionsa nan oileanach dealbh-thogail.

04.11.2018

Thèid obair-ealain bho fheadhainn de na dealbhadairean neo-dhreuchdail as fheàrr ann an Alba a thaisbeanadh nas anmoiche sa mhìos seo mar phàirt de thaisbeanadh ùr aig Pàrlamaid na h-Alba.

Tha an taisbeanadh, Lèirsinn aig Àrd Ìre, a’ toirt sealladh air feadhainn de na dealbhan as fheàrr a chaidh a thogail le 26 oileanaich bho sgoiltean is colaistean bho air feadh na dùthcha a choilean cùrsa Dealbh-thogail Àrd Ìre, teisteanas bho Ùghdarras Theisteanasan na h-Alba (SQA), thairis air a’ bhliadhna a chaidh. Bidh an taisbeanadh fosgailte don phoball bho Dhimàirt 20 Samhain 2018 gu Dihaoine 8 Gearran 2019, agus bidh inntrigeadh an-asgaidh.

Bidh an taisbeanadh a’ toirt lèirsinn air leth air cò ris a tha beatha ann an Alba coltach tro lionsa nan oileanach. Tha e a’ sealltainn dhaoine is àitichean bho shealladh nan oileanach: bho chruthan-tìre iom-dhòigheach na h-Alba agus an àrainneachd againn gu portraidean de dhaoine a thug buaidh air am beatha. Tha na h-ìomhaighean seo cuideachd a’ dèiligeadh ri cuspairean leithid dearbh-aithne, òigeachd agus slàinte-inntinn.

Air a dhèanamh ann an com-pàirteachas gach cuid le SQA agus leis a’ Chomann Albannach airson Eachdraidh Dhealbh-thogail, tha an taisbeanadh a’ toirt roghainn den tàlant a bha ri fhaicinn ann an 2,300 tagraichean airson Dealbh-thogail Àrd Ìre thairis air a’ bhliadhna acadaimigeach a chaidh. Thugadh na h-ìomhaighean bho phròiseactan nan oileanach, a chaidh a chruthachadh mar phàirt de na measaidhean cùrsa aca agus a bha gan cunntadh a dh’ionnsaigh nan comharran deireannach aca.

Thuirt an t-Oifigear Riaghlaidh, am Fìor Urr Coinneach Mac an Tòisich BPA:

“Tha an taisbeanadh fìor dhrùidhteach seo ag innse sgeulachd bhrosnachail air cò ris a tha beatha ann an Alba coltach bho shealladh nan oileanach seo. Tha uidhir de chumhachd ann an dealbhadaireachd, agus tha mi air mo dhòigh gum faod a’ Phàrlamaid tàlant nan dealbhadairean neo-dhreuchdail seo a shealltainn dhuinn uile le bhith gan taisbeanadh gu poblach.

“Tha mi an dòchas gum bi an taisbeanadh seo a’ brosnachadh dhaoine, ach cuideachd gum bi e a’ toirt dùbhlain dhuinn a bhith a’ smaointinn air cò ris a tha beatha ann an Alba coltach bho shealladh eadar-dhealaichte. Tha na h-ìomhaighean a’ tairgse sgeulachd a tha fìrinneach ach a tha cuideachd a’ togail meanmna air na tha cudromach do na daoine òga seo bho gach ceàrnaidh den dùthaich.”

Thuirt Dr Janet Brown, Ceannard an SQA:

“ ’S e teisteanas dùbhlanach a tha ann an Dealbh-thogail Àrd Ìre, agus is mòr an cuideam a bhios e a’ cur air an luchd-ionnsachaidh a bhios a’ gabhail a’ chùrsa. Thathar an dùil gum bi tagraichean, air dhaibh plana a dhèanamh, dealbhan a leasachadh is a chruthachadh a bhios gach cuid cruthachail agus a’ sealltainn abaltachd teicnigeach. Tha seo a’ leasachadh sgilean a bhios luachmhor airson ionnsachadh, beatha agus obair. Tha na h-ìomhaighean a chruthaicheadh leis an fhichead ’s a sia tagraichean a chaidh a thaghadh airson an taisbeanaidh dìreach mìorbhailteach. Tha an cùrsa Dealbh-thogail Àrd Ìre cuideachd a’ leigeil le tagraichean an cuid sgilean is tàlantan cruthachail a leudachadh agus fàire na lèirsinn aca fharsaingeachadh a thaobh cothrom air fastadh taobh a-staigh nan gnìomhachasan cruthachail.”

Thuirt Alexander Hamilton, Cathraiche air a’ Chomann Albannach airson Eachdraidh Dhealbh-thogail:

“Tha ginealach de dhaoine òga a’ faighinn ro-bhlasad mìorbhaileach de shaoghal na dealbhadaireachd, gu h-àraid an t-àite cudromach a chluich Alba anns mar a thàinig e gu bith. Tha an taisbeanadh Lèirsinn aig Àrd Ìre a’ sealltainn tàlant drùidhteach ann an dealbhadaireachd bho air feadh na h-Alba. Tha sinn a’ dèanamh fiughair ri bhith a’ foillseachadh na h-obrach anns an leabhar-aithris againn Studies in Photography, a tha a’ tairgse gheur-bheachdan air na guthan eachdraidheil, a bharrachd air guthan bhon latha an-diugh, a tha a’ toirt cumadh do dhealbhadaireachd ann an Alba.”

Cùl-fhiosrachadh

Chaidh na h-ìomhaighean anns an taisbeanadh a chruthachadh mar phàirt de mheasaidhean cùrsa gach tagraiche, agus bha iad gan cunntadh a dh’ionnsaigh nan comharran deireannach aca. Thagh an SQA 80 de na tagraichean as treasa, le deich bho gach tè de na h-ochd roinnean pàrlamaid ann an Alba. An dèidh sin, bha na h-inntrigidhean air an criathrachadh sìos gu na 26 tagraichean a rinn an obair a thathar a’ taisbeanadh.

Bha na dealbhan air an taghadh le pannal-glèidhidh air an robh riochdairean bho Chomann Albannach airson Eachdraidh Dhealbh-thogail, Gailearaidh Nàiseanta na h-Alba agus Out of the Blue, a bharrachd air aon oileanach bho Cholaiste Dhùn Èideann agus dealbhadair oifigeil na Pàrlamaid.

Chithear eisimpleir de dh’obair aon tagraiche bho gach roinn phàrlamaid ann an Studies in Photography, leabhar-aithris a’ Chomainn Albannaich airson Eachdraidh Dhealbh-thogail (SSHoP). Gheibhear lethbhreacan den leabhar-aithris ann am bùth Pàrlamaid na h-Alba. A bharrachd air SSHoP, SQA agus Pàrlamaid na h-Alba, fhuair Lèirsinn aig Àrd Ìre taic bhon bhanca Triodos, A&M Imaging, Comhairle Albannach air Tasglannan, Urras Nàiseanta na h-Alba agus Gailearaidhean Nàiseanta na h-Alba.

Faigh a-mach tuilleadh mu dheidhinn tadhal air a’ Phàrlamaid aig www. parliament.scot/open.

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.