BPA a’ sireadh bheachdan air moladh a chuireadh crìoch gu peanasachadh corporra do chloinn

02.11.2018

Tha Comataidh Co-ionnanachdan agus Còraichean Daonna air gairm airson bheachdan a chur air bhog air molaidhean a bhiodh a’ toirt air falbh ‘peanasachadh reusanta’ mar leisgeul ann an lagh na h-Alba. Às aonais an leisgeil laghail seo, cha b’ urrainn do phàrantan is luchd-gleidhidh peanasachadh corporra a thoirt dha an chuid chloinne.

Thèid am moladh, a thathar a’ cur air adhart ann am bile buill le Iain Finnie BPA, a chur fo sgrùdadh poblach leis a’ Chomataidh tràth ann an 2019. Air thoiseach air seo, tha a’ Chomataidh ag iarraidh a bhith a’ cruinneachadh raon de bheachdan, a tha cho farsaing ’s a ghabhas, gus cumadh nas fheàrr a thoirt don obair aca.

A’ bruidhinn nuair a chaidh an gairm airson bheachdan a chur air bhog, thuirt Neach-gairm na Comataidh, Ruth NicGuaire BPA:

“Tha am Bile seo air beachdan làidir a dhùsgadh. Tha daoine a’ creidsinn ann an seasamh aca gu dealasach air taobh seach taobh den argamaid – tha feadhainn a’ smaointinn gu bheil peanasachadh corporra a’ briseadh còraichean daonna a’ phàiste agus tha feadhainn eile a’ smaointinn gur e còir nam pàrantan a bhith a’ toirt dèillseag don chuid chloinne.

“Fhad ’s a tha am moladh reachdail a’ tòiseachadh air a shlighe tron phròiseas phàrlamaideach, tha sinne togarrach air cluinntinn bho dhaoine ann an Alba aig a bheil beachd air a’ chuspair seo. Bidh seo gar cuideachadh, agus sinn a’ coileanadh ar dreuchd mar bhuill pàrlamaid, agus bheir e cumadh don bheachdachadh againn air na molaidhean.

“Bidh Buill na Comataidh a’ faighinn a-mach agus timcheall na h-Alba, a’ dèanamh conaltradh ri òigridh agus ri buidhnean coimhearsnachd, ach faodaidh duine sam bith am beachdan a chur thugainn. Gheibhear làn fhiosrachadh air mar a dh’fhaodas tu fios a chur thugainn air làrach-lìn na Pàrlamaid.”

Cùl-fhiosrachadh

Faigh tuilleadh fiosrachaidh agus brath air mar a chuireas tu freagairt chun na Comataidh air loidhne.

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.