01.10.2018
Tha
Comataidh a’ Cheartais ann an Taigh an Ròid a’ toirt taic do chleachdadh a
bharrachd de dhòighean-obrach leithid Rèiteach Eadar-roghnach airson Deasbadan (Alternative Dispute Resolution—ADR), a’
gabhail a-steach eadar-mheadhanachadh (mediation)
agus eadar-bhreith (arbitration), mar
roghainn eile an àite nan cùirtean catharra.
Tha
a’ Chomataidh ag iarraidh gun toirear fiosrachadh nas fheàrr agus nas co-chòrdaile
air ADR do luchd-lagha agus don luchd-dèiligidh aca, agus don phoball san
fharsaingeachd, mus tèid daoine an sàs ann an aimhreitean laghail. Ged a tha an
aithisg ag aithneachadh nach fhaod ADR a bhith freagarrach anns a h-uile cùis,
gu h-àraid ann an cùisean air dochann san dachaigh, tha an aithisg a’ moladh
gum bu chòir pìolat a dhèanamh far am feum daoine a dhol gu coinneamh
do-sheachanta a bheireadh fiosrachadh dhaibh air ADR.
Tha
a’ Chomataidh cuideachd a’ moladh gum bu chòir dhuinn beachdachadh air taic
laghail a leudachadh, air chor ’s gun còmhdaich an taic seòrsachan eile de ADR,
a bharrachd air eadar-mheadhanachadh. Mar an ceudna, tha an aithisg ag
earalachadh gum feum ADR a bhith so-ruigsinneach agus nach fheum e a bhith
cuibhrichte le gainne sheirbheisean ann an sgìrean àraid. Airson dèiligeadh ri
seo, tha na BPA ag iarraidh air na h-ùdhgarrasan a bheachdachadh air mar a
dh’fhaodadh iad seirbheisean nas co-chòrdaile a mhaoineachadh agus a
sholarachadh air feadh Alba.
A’
bruidhinn nuair a chaidh an aithisg fhoillseachadh, thuirt Neach-gairm na
Comataidh, Mairead Mitchell BPA:
“Dh’fhaodadh
ceum-atharrachadh a thighinn air siostam a’ cheartais chatharra ann an Alba nan
toireadh gu buil meudachadh ann an cleachdadh de dhòighean-obrach nach eil cho
connspaideach airson cùisean a rèiteachadh.
“Chuala
a’ Chomataidh fianais, a bha gar toirt a thaobh, mu dheidhinn nam buannachdan a
thig às na dòighean-obrach Rèiteach Eadar-roghnach airson Deasbadan a tha
againn cheana. Ach, ro thric, bidh cnap-starraidhean—a thaobh eòlas, solar agus
maoin—a’ bacadh nam buannachdan sin bho thighinn gu buil. Dh’fhaodadh na
beachd-smuainean a thathar a’ cur an cèill anns an aithisg seo mapa-rathaidean
a thoirt do Riaghaltas na h-Alba agus don raon laghail airson ceartas catharra
a lìbhrigeadh agus a chruth-atharrachadh ann an Alba.
“Bidh
àite ann an-còmhnaidh airson cùisean foirmeil anns na cùirtean, ach tha feum
ann air barrachd mothachadh gu bheil roghainnean eile rim faotainn a tha nas
luaithe agus nas cosg-èifeachdaich agus nach eil cho mòr-chiùrrach. Tha a’
Chomataidh den bheachd gu bheil feum mòr ann airson barrachd trèanaidh air
feadh an t-siostaim agus àrdachadh aire am measg britheamhan a’ Chrùin agus na
ceàirde laghail.
“
’S e mòr-mhiann na Comataidh gum faigh barrachd dhaoine ann an Alba buannachd à
ADR anns an àm ri teachd.”
Cùl-fhiosrachadh
Is
iad na prìomh sheòrsachan de ADR ann an Alba:
Eadar-mheadhanachadh
(Mediation): Le eadar-mheadhanachadh, bidh cuideigin
neo-eisimeileach is gun leth-bhreith a’ cuideachadh dithis no barrachd dhaoine
gus fuasgladh a cho-rèiteachadh airson duilgheadas agus tha seo a’ tachairt ann
an suidheachadh dìomhair. Is e an fheadhainn a tha an sàs anns an aimhreit,
agus chan e an t-eadar-mheadhanair, a tha a’ tighinn gu co-dhùnadh air na
cumhachan airson aonta sam bith. Chan eil an co-dhùnadh ceangaltach ann an
lagh, mura gabh an fheadhainn a tha an sàs ann tuilleadh cheumannan. Thathar a’
cleachdadh eadar-mheadhanachadh ann an Alba airson teaghlaichean; nàbaidhean is
coimhearsnachdan; luchd-ceannaich; foghlam; feumalachdan taice a bharrachd;
agus fastadh. Faodaidh daoine cur romhpa eadar-mheadhanachadh a shireadh air an
urrainn fhèin, no faodar an tar-chur gu eadar-mheadhanachadh le cùirt.
Rèiteachadh
(Conciliation): Tha rèiteachadh cosmhail ri eadar-mheadhanachadh
(agus aig amannan thathar a’ cleachdadh nan teirmean gu co-iomlaideach). Tha
rèiteachair, ge-tà, nas eadar-theachdail (interventionist) na eadar-mheadhanair, agus faodaidh iad molaidhean a
dhèanamh air mar a thèid an deasbad a rèiteachadh. Chan eil co-dhùnadh sam bith
ceangaltach ann an lagh, ge-tà, mura gabh na pàrtaidhean tuilleadh cheumannan.
Thathar a’ cleachdadh rèiteachadh ann an Alba ann an connspaidean air fastadh
agus cùisean luchd-ceannaich, a bharrachd air leth-bhreith a thaobh ciorramachd.
Eadar-bhreith (Arbitration): Ann
an eadar-bhreith, bidh treas pàrtaidh, aig am bi gu tric ealantas no eòlas an
fhìor-eòlaiche, a’ dèanamh co-dhùnadh air mar a bu chòir don deasbad a
rèiteachadh. Tha an co-dhùnadh
ceangaltach ann an lagh. Sa mhòr-chuid, thathar a’ cleachdadh eadar-bhreith ann
an Alba ann an connspaidean coimeirsealta agus ann an cùisean fastaidh, ach
faodar a bhith ga cleachdadh ann an cùisean teaghlaich cuideachd. Chaidh an
lagh air eadar-bhreith ath-leasachadh gu ìre mhòr le Achd Eadar-bhreith (Alba)
2010. Tha an Achd 2010 a’ solarachadh riaghailtean air na dòighean-giùlain agus
modhan-obrach a tha ceangailte ri eadar-bhreith. Tha i cuideachd a’ dèiligeadh
ri raon de chùisean eile, a’ gabhail a-steach an dàimh eadar eadar-bhreith agus
na cùirtean, agus mar a dh’fhaodadh duais eadar-bhreith a bhith air a cur an
gnìomh.
Breithneachadh (Adjudication):
Uaireannan, thathar a’ cleachdadh breithneachadh mar os-bhriathar gus
seòrsachan àraidh de ADR agus agartachd a mhìneachadh. Ach ann an connspaidean
de sheòrsachan sònraichte, thathar ag aithneachadh breithneachadh mar fhoirm
sònraichte de ADR. Mar eisimpleir, thathar ga chleachdadh ann an obair togail,
far a bheil Achd Tabhartasan-taigheadais, Obair-togail agus Ath-nuadhachadh
1996 a’ toirt còir airson deasbad a thilleadh gu breithneachadh. Anns an
co-theacsa seo, tha nithean àraidh a’ dèanamh dealachadh eadar breithneachadh
agus eadar-bhreith, a’ gabhail a-steach dòigh-obrach san t-slighe luath.
Thathar cuideachd a’ cleachdadh breithneachadh ann an Alba, mar eisimpleir, a
thaobh feumalachdan taice a bharrachd agus dìon airson eàrlas gabhaltais ann an
taigheadas prìobhaideach air màl.
Ombudsmen:
Tha na h-ombudsmen nan ‘rèitirean’ gun leth-bhreith a bhios a’ breithneachadh
air gearanan mu dheidhinn bhuidhnean poblach agus buidhnean prìobhaideach. Tha
ombudsmen ann gach cuid anns an raon phoblach agus anns an raon phrìobhaideach.
Leugh
na pàipearan co-cheangailte ris na coinneamhan air Rèiteach Eadar-roghnach
airson Deasbadan.
Tha
aithisg na Comataidh ri faotainn airson luchdachadh a-nuas.