Sràbhan plastaig gan cur a-mach à togalach Pàrlamaid na h-Alba gu brath

31.01.2018

Chaidh a chur an cèill gun deach sràbhan plastaig a chur air fògairt gu sìorraidh aig Pàrlamaid na h-Alba.

Ach, thàinig e am follais gu bheil seirbheisean-bìdhe ann an Taigh an Ròid air a bhith a’ gluasad air falbh bho stuth neo-chuairteachail airson mòran bhliadhnaichean.

Co-dhiù mas e uidheaman-ithe a tha stèidhichte air stàrrsa (starch), soithichean-bìdhe a tha dèante de bhith-plastaig no cupannan cofaidh dèante bho chairt mheasgaichte, tha barrachd ri fhaighinn a-mach mu dheidhinn nan oidhirpean ann an togalach na Pàrlamaid gus lùghdachadh, ath-chuartachadh agus ath-chleachdadh.

Gu ruige deireadh 2017, bha seirbheisean bìdhe anns a’ Phàrlamaid a’ cleachdadh mu 4,000 sràbhan plastaig gach bliadhna, ach leis an iomagain, a tha a’ sìor-dhol am meud, air plastaigean aon-turais, chuir an luchd-obrach rompa gum bu mhithich dhaibh suidse a dhèanamh.

Thuirt Kezia Dugdale BPA, ball de Bhuidheann Chorporra Pàrlamaid na h-Alba (SPCB), air a bheil an t-uallach airson Taigh an Ròid a rianachd:

“Cha robh a’ Phàrlamaid riamh a’ cleachdadh mòran sràbhan plastaig, agus mar sin bhitheamaid gun toinisg mura robh sinn a’ dèanamh na suidse gu sràbhan pàipeir.

“Nuair a dh’fhaighnich luchd-obrach den t-solaraiche againn aig toiseach na bliadhna an robh roghainn eile an àite plastaig, dh’ionnsaich sinn gun robh e a cheart cho furasta dhaibhsan sràbhan pàipeir a thoirt dhuinn airson ìre mhath na h-aon cosgais.

“Anns a’ chafaidh phoblach againn, bidh cuid a dhaoine feumach air sràbhan, gu h-àraid iadsan le clann òg, ach tha sinn a’ dèanamh oidhirp gu bhith gan toirt a-mach a-mhàin nuair a nithear iarrtas air an son, an àite a bhith gan tairgse gu gnìomhach. Tha sinn uile air sràibhlean plastaig a ghabhail uaireigin dìreach a chionn ’s gun robh an nòisean againn.

“Tha na h-atharrachaidhean seo gu math beag, ach tha iad nam pàirt de dhealbh nas motha de smaointinn air na tha sinn a’ dèanamh agus mar a dh’fhaodas sinn an àrainneachd a dhìon.”

Cha do thachair an suidse gu sràbhan plastaig ach o chionn ghoirid, ach tha a’ Phàrlamaid air a bhith ag amas air sgudal a lùghdachadh anns na seirbheisean bìdhe aice airson ùine mhòir a-nis.

Ann an 2011, rinn a’ Phàrlamaid an suidse gu cupannan cofaidh, agus na lidichean a thèid còmhla riutha airson giùlan air falbh, a tha làn so-chompostaichte, an dèidh don in-sgrùdadh dèanamh soilleir gum b’ e a’ chuid as motha de sgudal òtraich na Pàrlamaid cupannan cofaidh a chleachdadh aon turas. Fiù ’s nas fheàrr na bhith a’ cur chupannan bith-chnàmhach ann am bionaichean compoist, tha BPA agus luchd-obrach a-nis air am brosnachadh am mugaichean fhèin a thoirt còmhla riutha don bhàr cofaidh tro sgeama dìlseachd.

Airson adhbharan tèarainteachd, chan eil sginichean is forcan meatailt ri fhaotainn anns a’ chafaidh phoblach ann an Taigh an Ròid. Mar sin, an àite uidheaman-ithe plastaig a chleachdtar aon turas, fhuair an luchd-solair sginichean, forcan agus spàinean air an dèanamh de stuth stèidhichte air stàrrsa, a ghabhas compostachadh. Air an toirt a-steach ann an 2017, tha na h-uidheaman-ithe seo a’ coimhead agus a’ faireachdainn àbhaisteach gu tur, ach tha na soidhnichean anns a’ chafaidh a’ dèanamh soilleir nach bi iad a’ dol do làrach sgudail.

Mar an ceudna anns a’ bhiadh-lann aig Ìre a’ Ghàraidh, ma dh’fhaoidte gu bheil na bogsaichean anns an tèid biadh a ghiùlan air falbh a’ coimhead mar pholastaidhrean, ach tha iad air an dèanamh de ‘bagasse’, an stuth snàthlainneach a mhaireas an dèidh do chuilc an t-siùcair a bhith air a phronnadh gus an sùgh a tharraing às. Tha e so-sheasmhach agus bith-chnàmhach.

Tha na soithichean airson mìlsean agus na poitean-measa a’ coimhead mar phlastaig trìd-shoillseach, ach tha iad ‘bith-phlastaig’, a tha saothraichte bho phlanntaichean coirce Innseanach. Mar sin, tha an stuth a’ sùghadh càrboin fhad ’s a tha e a’ fàs, agus tha e so-chompostaichte nuair a tha thu air an lòn agad ithe às. Tha na cupannan-brota airson giùlan air falbh air an dèanamh de mheasgachadh de chairt-bhòrd bith-chnàmhach le lidichean bith-phlastaig.

Thuirt Kezia Dugdale cuideachd:

“Mar sin, co-dhiù mas e gluasad air falbh bho chleachdadh sràbhan plastaig air nach robh feum agad sa chiad dol a-mach, no beagan de mhac-meanmna gus stuthan so-sheasmhach eile a lorg airson cleachdadh a h-uile latha, tha e uile a’ cur ris an oidhirp, tha e uile a’ dèanamh diofar don phlanaid againn.”

Cùl-fhiosrachadh

 Tha an cùram-roinne aig Kezia Dugdale a’ gabhail a-steach rianachd ghoireasan aig Taigh an Ròid – tuilleadh an seo.

Tha na cupannan cofaidh is lidichean anns a’ Phàrlamaid dèante de mheasgachadh de chairt is bith-phlastaig PLA, a chaidh a dhealbhadh a bhith so-chompostaichte gu h-iomlan taobh a-staigh 12 seachdainean ann an compostair gnìomhachais.

Am bitheantas, tha na bogsaichean anns am faodar biadh a ghiùlan air falbh air an dèanamh dhe ‘bagasse’, an stuth snàthlainneach a mhaireas an dèidh do chuilc an t-siùcair no stocanan sorgaim a bhith air am pronnadh gus an sùgh a tharraing asta. Thathar a’ cleachdadh bagasse mar bhith-chonnadh agus airson pronnach agus stuthan togalach a dhèanamh.

Nuair a thathar a’ tairgse pizza air a’ chlàr-bìdh airson giùlan air falbh aig Taigh an Ròid, tha na bogsaichean so-chompostaichte agus air an dèanamh bho phàipear 65 sa cheud ath-chuartaichte, leis an 35 sa cheud eile bho snàithleach nàdarra a dh’fhàs bho ghoireasan ath-nuadhachail.

Aig Màrt 2017, chaidh 89 sa cheud de stuth sgudail na Pàrlamaid ath-chuartachadh no compostachadh. Gheibhear tuilleadh air dèanadas na Pàrlamaid a thaobh na h-àrainneachd an seo.

 

 

Fios conaltraidh

Fios do na meadhanan

Public information

  • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
  • info@parliament.scot
  • Text 07786 209 888
  • Ask a question online through live chat
  • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

Keep up to date with us on:

keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube