‘A bheil bùird NHS a’ coileanadh deagh riaghladh corporra?’ tha Comataidh Slàinte is Spòrs a’ faighneachd

09.01.2018

Tha Comataidh Slàinte is Spòrs ann am Pàrlamaid na h-Alba a’ dèanamh rannsachaidh air èifeachdachas an riaghlaidh chorporra am measg bùird an NHS. Tha seo mar an treas pàirt dheireannach den rannsachadh nas fharsainge aca air Riaghladh an NHS, a tha cuideachd air a bhith a’ coimhead air riaghladh luchd-obrach agus riaghladh clionaigeach.

Anns an ath ìre seo, bidh a’ Chomataidh a’ meas a bheil bùird NHS a’ leantainn ris na prìomh phrionnsabalan de dheagh riaghladh corporra, a’ tarraing air an aithisg air dreuchd nam bòrd ‘Role of Boards Report’ bho Sgrùdadh Alba agus air an stiùireadh air bùird ‘On Board’ bho Riaghaltas na h-Alba. Bidh a’ Chomataidh a’ beachdachadh air na structaran agus na pròiseasan airson cho-dhùnaidhean, cunntachalachd agus giùlan aig ìrean àrda an NHS ann an Alba.

Bidh a’ Chomataidh a’ cur a-mach suirbhidh do gach ball de bhùird roinneil an NHS, gus buill bùird a bhrosnachadh am beachdan agus an t-eòlas aca a cho-roinn. Gus an sealladh sin a leudachadh, tha a’ Chomataidh a’ gairm air buidhnean agus air daoine fa leth an smuaintean a cho-roinn air mar a tha bùird NHS ag obair agus a’ dèanamh cho-dhùnaidhean. Bu mhath le Comataidh Slàinte is Spòrs fios a bhith aca air:

  • A bheil earbsa agad gun dèan bùird NHS co-dhùnaidhean a tha a rèir leas as fheàrr a’ phobaill?
  • A bheil co-dhùnaidhean nam bòrd NHS fosgailte agus trìd-shoilleir?
  • Dè cho cunntachail ’s a tha bùird NHS, nad bheachd-sa?
  • Dè cho èifeachdach ’s a tha bùird NHS a thaobh seirbheisean slàinte a lìbhrigeadh agus slàinte a’ phobaill a leasachadh?

Thuirt Neach-gairm Comataidh Slàinte is Spòrs, Niall MacFhionnlaigh BPA:

“Anns an ath ìre den rannsachadh againn, tha sinn a’ beachdachadh air ceannardas anns an NHS, oir tha seo a’ neartachadh lìbhrigeadh agus dè cho èifeachdach ’s tha an luchd-obrach agus an riaghladh clionaigeach. Bu mhath leis a’ Chomataidh a chluinntinn bho phroifeiseantaich slàinte, luchd-obrach, euslaintich, luchd-cùraim agus bhon phoball, air chor ’s gum faod iadsan ar cuideachadh na prìomh phrionnsabalan a rannsachadh a thaobh riaghladh corporra anns an NHS. Tha sinn ag iarraidh a thuigsinn dè cho math ’s a tha na poileasaidhean agus siostaman aig NHS Alba ag obrachadh agus a bhith ag ionnsachadh mu dheidhinn nan dàimhean le com-pàirtichean. Tha sinn ag iarraidh a thuigsinn a bheil e a’ lìbhrigeadh ‘deagh riaghladh’ agus a’ toirt taic do chultar de leasachadh.”

Is e an ceann-latha airson fianais sgrìobhte Diciadain 7 Gearran 2018.

Cùl-fhiosrachadh

Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh air a’ ghairm airson fianais an seo.

Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh air an rannsachadh air Riaghladh an NHS an seo.

Tha a’ Chomataidh an dùil a bhith a’ cluinntinn bhon luchd-fianais fhèin anmoch anns a’ Ghearran.

 

Fios conaltraidh

Fios do na meadhanan

Public information

  • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
  • info@parliament.scot
  • Text 07786 209 888
  • Ask a question online through live chat
  • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

Keep up to date with us on:

keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube