Cùmhnant ann no às? Tha duilgheadasan cudromach le Cùmhnantan Baile-Roinne, a rèir Comataidh ann an Taigh an Ròid

08.01.2018

Tha duilgheadasan cudromach leis na Cùmhnantan Baile-Roinne ann an Alba ris am feumar dèiligeadh, a rèir aithisg Deal or No Deal bho Chomataidh ann an Taigh an Ròid.

Anns an aithisg a chaidh fhoillseachadh an-diugh, tha Comataidh Riaghaltas Ionadail agus Coimhearsnachdan ag aithneachadh gu bheil na Cùmhnantan seo fhathast ùr, ach tha iad a’ cur an cèill grunn chùisean cùraim mu dheidhinn nam pròiseactan seo airson fàis eaconamaich.

Chaidh Cùmhnantan Baile-Roinne, a tharraing in-thasgadh luach £3.3 billean gu ruige seo, a thoirt a-steach le Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte ann an Sasainn an toiseach. Chaidh an sìneadh gu Alba mar chom-pàirteachas le Riaghaltas na h-Alba, ùghdarrasan ionadail agus com-pàirtichean eile gus obraichean a thogail agus eaconamaidhean roinneil fhàs.

Tha na prìomh cho-dhùnaidhean a’ co-dhùnadh:

  • Bu chòir do choimhearsnachdan is gnothachais ionadail a bhith an sàs ann an Cùmhnantan Baile-Roinne ann an dòigh ciallach, air chor ’s gum faod iad cuideachadh cumadh a thoirt do phròiseactan, agus cha bu chòir dhaibh “fios fhaighinn an dèidh do cho-dhùnaidhean a bhith air an dèanamh”.
  • Tha na prìomhachasan eadar Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte, Riaghaltas na h-Alba agus ùghdarrasan ionadail “troimh chèile agus cus dhiubh ann”. Mar eisimpleir, tha in-thasgadh bho Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte ag amas air sochairean eaconamach a-mhàin, ach tha Riaghaltas na h-Alba ag amas air fàs ion-ghabhalta.
  • Is fheudar nach bi sgìrean dùthchail agus iomallach – agus bailtean nach bi a’ tighinn fo Chùmhnantan Baile-Roinne – a bhith “air an dearmad no a’ call a-mach” an coimeas ri bailtean nas motha. Cha bu chòir gum bi iomairtean eile, leithid Cùmhnant Fàis Siorrachd Àir no Iomairt Tìr nan Crìochan, air am faicinn mar gun robh iad anns an dara àite an coimeas ri Cùmhnantan Baile-Roinne.
  • Is e an Cùmhnant Baile-Roinne airson Glaschu am fear as stèidhichte ann an Alba, agus tha e ga chumail fo bhreithneachadh an-dràsta. Tha sinn a’ moladh gum bu chòir do Chùmhnantan eile ionnsachadh bho na thachair ann an Glaschu, air chor ’s nach lorgar iad anns an aon shuidheachadh anns na bliadhnaichean ri teachd.

Thuirt Neach-gairm Comataidh Riaghaltas Ionadail agus Coimhearsnachdan, Bob Doris BPA:

“Tha sinn a’ cur fàilte air an in-thasgadh mòr, luach £3.3 billean, gus obraichean ùra a chruthachadh agus àrainnean beothail agus soirbheachail a thogail mu thimcheall nam bailtean mòra againn – agus tha feadhainn dhiubh ann an sgìrean na h-Alba as bochda agus a tha a’ fulang easbhaidh.

“Ach tha e soilleir bhon fhianais a chuala sinn agus bho na tursan Comataidh a rinn sinn gu bheil duilgheadasan cudromach leis na Cùmhnantan Baile-Roinne ris am feumar dèiligeadh.

“Air an adhbhar sin, tha sinn a’ moladh gu làidir gum bu chòir do riaghaltasan uile – nàiseanta agus ionadail – a bhith ag obair còmhla agus ag aontachadh air fòcas singilte, oir bu chòir dhuinn mar phrìomhachas a bhith ag amas air toirt gu buil sochairean airson choimhearsnachdan ionadail.

Lean Bob Doris air:

“Ged a tha sinn aig toiseach ghnothaichean fhathast a thaobh nan Cùmhnantan Baile-Roinne, chan eil e soilleir mar a bhios bailtean eile agus raointean nas dùthchaile is nas iomallaiche ann an Alba a’ buannachadh às na Cùmhnantan seo.

“Tha cunnart ann cuideachd gum faod cuid a sgìrean ann an Alba a bhith air an dearmad no a bhith a’ call a-mach air na sochairean a bheirear leis na pròiseactan seo, agus gum faod iomairtean eile a bhith air am faicinn mar san dara àite an coimeas riutha.

“Ma tha Cùmhnantan Baile-Roinne gu bhith soirbheachail air feadh Alba, tha feum againn air soilleireachd air cuin a thèid an iomairt seo a shìneadh gu gach sgìre. Leis na Cùmhnantan seo anns na tràth-bhliadhnaichean de phrògram de in-thasgadh a mhaireas 10 gu 20 bliadhna, bidh a’ Chomataidh againn a’ cumail sùil gheur gus dèanamh cinnteach an deach na leasachaidhean a dhèanamh agus a bheil tuilleadh obrach a dhìth.”

Cùl-fhiosrachadh agus Notaichean gu Luchd-deasachaidh

Faigh a-mach barrachd mu dheidhinn Comataidh Riaghaltas Ionadail agus Coimhearsnachdan ann am Pàrlamaid na h-Alba.

1. Tha ceithir Cùmhnantan Baile-Roinne ann a-nis a tha aig ìre lìbhrigidh no a fhuair cead ann am prionnsabal. Tha na Cùmhnantan seo ag amas air na bailtean mòra Glaschu (le £1.13 billean de in-thasgadh poblach), Dùn Èideann (£1.1 billean), Obar Dheathain (£826 millean) agus Inbhir Nis (£315 millean), agus na roinnean timcheall orra. Thathar a’ dèanamh chòmhraidhean air dà chùmhnant a bharrachd airson nam bailtean mòra de Shruighlea agus Dùn Dè agus na sgìrean nas fharsainge ann an roinn a’ mheadhain agus ann an Taobh Tatha.

2. Gu h-iomlan, tha 83 sa cheud de mhuinntir na h-Alba—is e sin 4.5 millean daoine—a’ fuireach ann an sgìrean a tha còmhdaichte le Cùmhnantan Baile-Roinne a tha air faire no a tha ann an gnìomh.

3. Chaidh Cùmhnantan Baile-Roinne a thoirt a-steach le Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte sa chiad dol a-mach ann an 2011 mar dhòigh airson fàs eaconamach ionadail a bhrosnachadh agus co-dhùnaidhean eaconamach a ghluasad bhon àrd-riaghaltas ann an Sasainn. Chaidh an sìneadh gu Alba ann an 2014, a’ tòiseachadh ann an Glaschu.

4. Am measg nam pròiseactan a thathar an dùil fo na Cùmhnantan seo, tha:

  • ceangal ùr dìreach, luach £144 millean, eadar Stèisean Meadhan Ghlaschu agus Port-adhair Ghlaschu;
  • £44 millean air pàirc dhùthchail ùr, bun-structar gnothachais ùr agus leasachadh, lìonra rathaidean nas fhèarr agus stèisean rèile ùr ann an Siorrachd Rinn Friù an Ear;
  • £354 millean air Ionad Teicneòlas Ola is Gas ann an Obar Dheathain;
  • £38 millean air Mòr-ionad airson Tionnsgnadh Bio-therapeutic mar phàirt den Chùmhnant Baile-Roinne airson Obar Dheathain;
  • £107 millean airson a’ Cheangail an Ear agus Cearcall-rathaid Longman ann an Inbhir Nis;
  • planaichean luach £300 millean airson ionadan tionnsgnadh dàta, a bhios am measg an fheadhainn as fhèarr san t-saoghal, mar phàirt den Chùmhnant Baile-Roinne airson Dùn Èideann agus Ear-dheas na h-Alba.

 

Fios conaltraidh

Fios do na meadhanan

Fios mun chomataidh

Public information

  • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
  • info@parliament.scot
  • Text 07786 209 888
  • Ask a question online through live chat
  • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

Keep up to date with us on:

keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube