Dè bhios na h-atharrachaidhean ris an dòigh anns an lìbhrigear foghlam ann an Alba a’ ciallachadh dhut?

04.01.2018

Dè dh’fhaodadh na h-atharrachaidhean ris an dòigh anns an lìbhrigear foghlam ann an Alba a’ ciallachadh dhut? Seo a’ cheist a bhios BPA bho Chomataidh Foghlam is Sgilean ann am Pàrlamaid na h-Alba a’ faighneachd agus iad a’ tadhal air Glaschu nas anmoiche anns a’ mhìos.

Dè dh’fhaodadh na h-atharrachaidhean ris an dòigh anns an lìbhrigear foghlam ann an Alba a’ ciallachadh dhut? Seo a’ cheist a bhios BPA bho Chomataidh Foghlam is Sgilean ann am Pàrlamaid na h-Alba a’ faighneachd agus iad a’ tadhal air Glaschu nas anmoiche anns a’ mhìos.

Air Diluain 15 Faoilleach 2018, bidh a’ Chomataidh ag iarraidh a chluinntinn bhuat agus iad a’ tadhal air an Lighthouse, Glaschu. Thathar a’ dèanamh an tadhail mar phàirt de dh’obair na Comataidh a’ coimhead air molaidhean Riaghaltas na h-Alba airson ath-leasachadh foghlaim, a bhios, am measg nithean eile, a’ toirt barrachd cumhachd do cheannardan-sgoile air maoineachadh agus luchd-obrach. A bharrachd air sin, bidh solaran eile ann gus com-pàirteachadh phàrantan agus choimhearsnachdan a bhrosnachadh. Tha stiùireadh air na h-atharrachaidhean, ann an cruth a ghabhas a leughadh gu luath, ri fhaotainn an seo.

Tha a’ Chomataidh ag iarraidh a chluinntinn bho òigridh, bho phàrantan agus bhuapasan a tha ag obair ann an sgoiltean gus am beachdan fhaighinn air na h-atharrachaidhean a thathar a’ moladh, air dè a’ bhuaidh a dh’fhaodadh a bhith aca air sgoiltean agus air dè an taic a dh’fheumas sgoiltean gus na h-atharrachaidhean a dhèanamh.

A bharrachd air coinneamhan a chur air dòigh, bidh a’ Chomataidh a’ dèanamh tadhail air bun-sgoiltean ionadail a chluinntinn bho cheannardan-sgoile agus bho sgoilearan.

Thuirt Neach-gairm na Comataidh, Seumas Ó Dornáin BPA:

“Airson an turais againn gu Glaschu, cha b’ urrainnear cuspair nas cudromaiche a bhith againn na foghlam ann an Alba anns an àm ri teachd.

“Tha Riaghaltas na h-Alba air planaichean a chur an cèill airson tur-atharrachaidhean ris an dòigh anns a bheilear a’ lìbhrigeadh foghlaim ann an Alba, le prìomh amas gun dùintear am bèarn cosnaidh. Tha sinn airson fios a bhith againn dè do bharail air na beachdan seo, am bi iad a’ dèanamh diofar dhut agus dè na molaidhean a bhiodh agad air mar a dh’fhaodar iad atharrachadh.

“Tha e deatamach gun cluinn sinn bhuapasan aig a bheil eòlas air siostam an fhoghlaim, air chor ’s gum bi fios againn air dè bhios na h-atharrachaidhean a’ ciallachadh gu pragtaigeach. Mar sin, thig agus their, agus leig fios thugainn air dè do bheachd-sa.”

Bu mhath leis a’ Chomataidh gun tigeadh am poball chun an Lighthouse, 11 Mitchell Lane, Glaschu, bho 6f gu 7.30f gus am beachdan a cho-phàirteachadh. Bidh deochannan agus greimeannan-bìdh rim faotainn.

Cuideachd, bidh cothrom ann obair na Comataidh fhaicinn mar a tha i a’ tachairt, aig 4.30f, agus coinneamh fhoirmeil aig a’ Chomataidh le ùghdarrasan foghlaim.

Ma tha thu airson a bhith an làthair airson a’ chòmhraidh le BPA no airson tiocaidean an-asgaidh fhaighinn airson coinneamh fhoirmeil na Comataidh a choimhead, cuir fios gu es.committee@parliament.scot no cuir fòn thugainn air 0131 348 6225.

Cùl-fhiosrachadh

Tha Riaghaltas na h-Alba an-dràsta a’ dèanamh co-chomhairleachaidh air beachdan gus foghlam ann an Alba ath-leasachadh, leis an amas gun cuir iad an cèill Bile Foghlam (Alba) an ath-bhliadhna. Tha Comataidh Foghlam is Sgilean air conaltradh ro-reachdais a ghabhail os làimh gus cuideachadh a thoirt air an cuid beachdachaidh air a’ Bhile nuair a dh’fhoillsichear e.

Gheibhear lethbhreac de cho-chomhairleachadh Riaghaltas na h-Alba tron cheangal seo.

Fios Conaltraidh

Fiosrachadh do na meadhanan

Fiosrachadh mun Chomataidh

Public information

  • Telephone enquiry line: 0800 092 7500 or 0131 348 5395 (Gàidhlig)
  • info@parliament.scot
  • Text 07786 209 888
  • Ask a question online through live chat
  • We also welcome calls using the Text Relay service or in British Sign Language through contactSCOTLAND-BSL

Keep up to date with us on:

keep up to date with what's happening in Parliament on Facebook Follow the Scottish Parliament on Twitter @ScotParl keep up to date with what's 
happening in Parliament on YouTube