Comataidh bho Thaigh an Ròid a’ tadhal air Obar Dheathain airson còmhradh a dhèanamh air buidseat na h-Alba agus buaidh Bhrexit air an ear-thuath

27.12.2017

Bidh gnothachais, an treas raon agus buidhnean eile a’ coinneachadh ri BPA ann an Obar Dheathain an ath mhìos gus còmhradh a dhèanamh air buidseat na h-Alba agus a’ bhuaidh a bhios aig Brexit air obraichean agus air maoineachasan anns an ear-thuath, chaidh a chur an cèill an-diugh.

Bidh Comataidh Ionmhais agus Bun-reachd ann am Pàrlamaid na h-Alba a’ coinneachadh ri riochdairean bho barrachd is fichead bhuidhnean bho air feadh Obar Dheathain agus roinn a’ Mhonaidh.

Ann an seisean a mhaireas fad an latha anns a’ bhaile air Diluain 15 Faoilleach, bidh BPA a’ dèanamh còmhraidh air cuspairean leithid an eaconamaidh agus obraichean, gu h-àraid na dùbhlain airson Obar Dheathain agus gnìomhachasan an ear-thuath, agus cothroman airson ùr-ghnàthachadh agus tionnsgalachd.

Bidh na seiseanan bùth-obrach neo-fhoirmeil anns a’ mhadainn a’ tachairt ann an Taigh-baile Obar Dheathain, agus bidh iad a’ cuideachadh fiosrachadh a thoirt a-steach don choinneimh fhoirmeil anns an fheasgar, le sgrùdadh air dreachd a’ bhuidseat aig Riaghaltas na h-Alba airson 2018/19. Bidh Rùnaire a’ Chaibineit airson Ionmhais, Derek MacAoidh BPA, a’ toirt fianais.

Thuirt Brus Crawford BPA, Neach-gairm Comataidh Ionmhais agus Bun-reachd: “Fhuair sinn freagairt mhìorbhaileach bho raon farsaing de ghnothachais agus buidhnean a tha airson conaltradh rinn agus a dhèanamh cinnteach gu bheil sinn mothachail air na dùbhlain shònraichte air beulaibh an ear-thuath agus Brexit a’ tighinn dlùth.

“Tha e cudromach gun cluinn sinn bho na daoine seo fhèin air mar a bhios a’ bhuaidh aig Brexit air Buidseat na h-Alba a’ bualadh orrasan.”

Is iad cuspairean nam bùithtean-obrach mar a leanas:

Buaidh air raointean:

  • Dè na dùbhlain shònraichte a tha air beulaibh nan diofar raointean a tha ag obrachadh ann an Obar Dheathain agus Ear-thuath na h-Alba?
  • Ciamar as fheàrr a dh’fhaodas na diofar raointean deisealachadh gus aghaidh a thoirt air dùbhlain Bhrexit?
  • Dè an taic a dh’fhaodadh Riaghaltas na h-Alba a bhith a’ toirt gu na diofar raointean?

Cosnadh/Margaid fhastachd

·        A bheil thu den bheachd gum bi cunnart ann a thaobh faotainneachd luchd-obrach an dèidh Brexit agus, ma tha, ciamar a dh’fhaodar dèiligeadh ri seo?

·        Dè tha seo a’ ciallachadh airson riaghailtean cosnaidh agus airson faighinn bhìosaichean-obrach?

·        Dè na gnìomhan a tha an Riaghaltas a’ dèanamh gus seasmhachd agus inbhe thèarainte a thoirt do luchd-obrach bhon Aonadh Eòrpach?

Cothroman:

·        Dè an taic airson gnothachais agus dè am brosnachadh cìse a dh’fhaodar cleachdadh an dèidh Brexit?

·        Dè na prìomh cothroman eaconamach a thig?

·        A bheil cothroman ann airson airson ùr-ghnàthachadh agus tionnsgalachd?

Maoineachadh:

  • Dè ghabhas dèanamh air chor ’s gum faod a’ bhuaidh a thig bho chall maoineachadh bhon Aonadh Eòrpach a bhith air a maothachadh?
  • Dè an taic a tha an Riaghaltas a’ solarachadh gus ìrean dhe in-sheilbh a mheudachadh?
  • Dè a’ bhuaidh a bhios ann air seilbhean malairt?

Buaidh air a’ choimhearsnachd:

  • Dè a’ bhuaidh a bhios ann air lìonraidhean iomairt shòisealta, carthannasan agus an raon saor-thoileach?
  • Ciamar a dh’obraicheas leudachadh comais ann an coimhearsnachdan an dèidh Brexit?
  • Dè a’ bhuaidh a bhios aig Brexit air tàthadh choimhearsnachdan?

Bidh na buidhnean a leanas, am measg eile, a’ gabhail pàirt:

Seòmar-malairt Obar Dheathain agus Roinn a’ Mhonaidh

Aberdeen & Northern Marts

Port-adhair Obar Dheathain

Comann Malairt Cheadaichte Baile-mòr agus Sgìre Obar Dheathain

Comann nan Taighean-òsta Baile-mòr agus Sgìre Obar Dheathain

Comhairle Baile Obar Dheathain (Roinn Leasachaidh Eaconamaich)

Comhairle Bhuidhnean Saor-thoileach Obar Dheathain

Fèisean Obar Dheathain

Aberdeen Inspired

Ionad Tagsaidhean Obar Dheathain

Oilthigh Obar Dheathain

Ionad Luchd-lagha Seilbhe Obar Dheathain

Aberdeenshire Voluntary Action

Comhairle Co-ionnanachd Cinnidh Obar Dheathain

First Aberdeen Limited

NESTRANS

NFU Alba (Ear-thuath)

NHS Roinn a’ Mhonaidh

Colaiste Ear-thuath na h-Alba (NESCol)

Oil & Gas UK

ONE: Opportunity North East

Ùghdarras Port Cheann Phàdraig

Clèir Obar Dheathain

Oilthigh Robert Gordon

Caidreachas Iasgairean na h-Alba

Comann Biadh-mara na h-Alba

Visit Aberdeenshire

Coimhead air coinneamh fhoirmeil na Comataidh (1.15f gu 3f mu thuaiream)

Faodaidh am poball coimhead air coinneamh fhoirmeil na Comataidh anns an fheasgar, nuair a bhios Rùnaire a’ Chaibineit Derek MacAoidh BPA a’ nochdadh air beulaibh na Comataidh gus fianais bheòil a thoirt air Dreachd a’ Bhuidseit aig Riaghaltas na h-Alba airson 2018/19.

Faodar tiocaidean a chumail dhut, agus bidh iad ri fhaotainn aig an doras – cuir fios gu Seirbheisean Luchd-tadhail 0131 348 5200 no fòn an-asgaidh 0800 092 7600.

Ruigsinneachd do na meadhanan agus agallamhan

Tha cuireadh aig na meadhanan a bhith an làthair airson nan seiseanan foirmeil anns an fheasgar. Faodar agallamhan leis an Neach-gairm a chur air dòigh le bhith a’ cur fios thugainn aig an t-seòladh gu h-ìseal. Air an latha, sgaoilear dealbhan airson nam meadhanan gu deasgaichean phioctairean.