Bu chòir do Riaghaltas na h-Alba ath-bheachdachadh air Còd Obrachaidh a chleachdadh airson nan ullachadh air Pearsannan Ainmichte, a rèir Comataidh aig Taigh an Ròid

27.10.2017

Tha Riaghaltas na h-Alba a’ rùnachadh ‘stiùireadh’ fhoillseachadh air co-phàirteachadh fiosrachaidh air clann is òigridh, ach bidh an stiùireadh ceangaltach agus, mar sin, bu chòir dha a bhith air a chur an cèill ann an reachdas air beulaibh na Pàrlamaid, a rèir Comataidh Cumhachdan Tiomnaichte agus Ath-leasachadh Lagha.

Ann an aithisg a chaidh fhoillseachadh an-diugh, tha a’ Chomataidh ag iarraidh air Riaghaltas na h-Alba ath-bheachdachadh air an dòigh-obrach aca airson Bile Clann agus Òigridh agus barrachd chumhaichean a chur air aghaidh a’ Bhile.

Thuirt Neach-gairm Comataidh Cumhachdan Tiomnaichte agus Ath-leasachadh Lagha, Graham Simpson BPA:

“ ’Se Còd Deagh Chleachdaidh a th’ anns an ‘stiùireadh’, agus thathar a’ rùnachadh gum bi e a’ leigeil uallaich orrasan a tha a’ gabhail dhleastanasan os làimh fon Achd – mar eisimpleir, luchd-obrach sòisealta, proifeiseantaich slàinte agus luchd-teagaisg.

“An-dràsta, chan eil riatanas ann gum feum a’ Phàrlamaid aontachadh gu foimeil ris an dreachd dheireannaich de Chòd an Riaghaltais mus tèid a chur an cèill.

“Bheachdaich sinn air ‘stiùireadh’ mar bhun-bheachd leis an Leas-phrìomh Mhinistear, a bha den bheachd gur e sgrìobhainn eadar-mhìneachail a bhios ann, ach tha a’ Chomataidh ag easaontachadh ris sin. Tha sinne den bheachd gu bheil an Còd fada nas cudromaiche agus gum biodh e nas iomchaidhe a bhith ga chur an cèill mar fho-reachdas air am faodadh a’ Phàrlamaid beachdachadh agus bhòtadh. Tha sinn a’ moladh gum bu chòir don Riaghaltas ath-bheachdachadh air seo.”

Cùl-fhiosrachaidh

1.   Chaidh am Bile Riaghaltais seo a thoirt a-steach leis an Leas-phrìomh Mhinistear agus Rùnaire a’ Chaibineit airson Foghlaim agus Sgilean, Iain Swinney BPA, air 19 Ògmhios 2017.

2.   Is e am Bile an fhreagairt aig Riaghaltas na h-Alba ri breith Àrd-chùirt na Rìoghachd Aonaichte (“an Cùirt”) anns a’ chùis Institiud Chrìosdail agus càch v am Morair Tagraidh, a chaidh fhoillseachadh anns an Iuchar 2016.

3.   Anns a’ bhreith sin, riaghlaich an Cùirt gu bheil na cumhaichean air co-phàirteachadh fiosrachaidh ann am Pàirt 4 de dh’Achd Clann agus Òigridh (Alba) 2014 (“an Achd 2014”), a thaobh ‘pearsachan ainmichte’, neo-chòrdail ris na còraichean aig clann, òigridh agus pàrantan fo Artaigil 8 den ECHR (còir urraim do bheatha phrìobaideach is teaghlaich). Bha seo air an adhbhar shònraichte nach eil na cumhaichean sin “ann an co-rèir ris an lagh”, mar a tha riatanach fo Artaigil 8, agus gum faod e adhbharachadh, ann an cleachdadh, eadraiginn mhì-chuibheasach leis na còraichean fo Artaigil 8 aig mòran cloinne, òigridh agus pàrantan, tro cho-phàirteachadh fiosrachaidh.

4.   Tha am Bile seo a’ toirt a-steach atharrachaidhean ris na cumhaichean air co-phàirteachadh fiosrachaidh ann am Pàirt 4 den Achd 2014 (a thaobh phearsachan ainmichte). Tha am Bile cuideachd a’ toirt a-steach atharrachaidhean ris na cumhaichean air co-phàirteachadh fiosrachaidh ann am Pàirt 5 den Achd 2014 (a thaobh ‘plana cloinne’). 

Tha an làn aithisg ri faotainn air duilleag dhachaigh na Comataidh.