Ar-a-mach agus Rèabhlaid ann an teis-mheadhan an àrd-ùrlair aig Pàrlamaid na h-Alba

18.10.2017

Bidh ar-a-mach agus rèabhlaid ann an teis-mheadhan an àrd-ùrlair aig Pàrlamaid na h-Alba airson nan ath thrì làithean agus a’ Phàrlamaid a’ fosgladh nan dorsan airson Fèis Poilitigs 2017.

A-nis anns a 13mh bliadhna, bidh an Fhèis a’ tòiseachadh a beatha mar dheugaire a’ coimhead air ar-a-mach agus rèabhlaid den h-uile seòrsa. Bho rèabhlaid na Ruise gu na “hippies” anns na 1960an, bho iomairt nam feimineach gu Earrach nan Arabach, bidh an Fhèis am-bliadhna a’ tairgse rudeigin don h-uile duine.

Mar phàirt de phrògram a tha loma-làn, bidh reubalan a’ chomainn stèidhichte, leithid Ken Clarke BP agus Harriet Harman BP, a’ bruidhinn mu dheidhinn a’ chùrsa-bheatha aca ann am poilitigs, agus bidh an tùsaire punc Richard Jobson a’ gabhail pàirt ann an seisean a’ sealltainn air a’ bheatha aige anns na Skids agus fàs suas ann an roc punc na h-Alba.

Cuideachd anns an Fhèis am-bliadhna bidh tachartasan air slàinte na h-inntinn le Greg McHugh, an rionnag bho “Gary Tank Commander”, agus deasbad pannail mu dheidhinn fàs suas mar LGBTI ann an Alba.

Bidh an Fhèis a’ crìochnachadh le ‘Seòid Dhisathairne’, latha de thachartasan airson an teaghlaich uile. Bho thaisbeanaidhean de fhilmichean agus “fèineagan” a rinneadh seòid, gu dealbhadh èididh agus bùth-obrach air Lego le filmeadair Morgan Spence, bidh rudeigin ann don a h-uile aois.

Leis an Fhèis a’ tòiseachadh, thuirt Oifigear Riaghlaidh Pàrlamaid na h-Alba, am Fìor Urr Coinneach Mac an Tòisich BPA:

“Dè an dòigh a b’ fheàrr don Fhèis a 13mh bliadhna a chomharrachadh na le prògram a tha a’ moladh nòiseanan nan deugairean air ar-a-mach is rèabhlaid?

“Fhad ’s a tha ar-a-mach is rèabhlaid ann an teas-mheadhan an àrd-ùrlair aig Taigh an Ròid fad nan ath thrì làithean, bidh sinn a’ beachdachadh air a h-uile rud bho rèabhlaid na Ruise gu na hippies anns na 1960an, bhon iomairt nam feimineach gu Earrach nan Arabach.

“Bidh na h-urracha mòra poilitigeach Ken Clarke agus Harriet Harman a’ toirt dhuinn geur-bheachdan iongantach bhon chùrsa-bheatha phoilitigeach aca, agus cluinnidh sinn bhon chraoladair Evan Davis air mar a tha ‘naidheachdan fuadain’ a’ fàs.

'Bidh an Fhèis a’ crìochnachadh le ‘Seòid Dhisathairne’, latha de thachartasan airson an teaghlaich uile le taisbeanaidhean saora de fhilmichean, ‘fèineagan’ a rinneadh seòid agus bùth-obrach Lego.

'Bheir am prògram am-bliadhna an cothrom dhuinn uile an reubal a tha annainn a leigeil fa sgaoil!”

Am-bliadhna, cruth-atharraichear an Talla Poblach a-rithist gu bhith na Bhiadhlann/Bàr—nì air a bheil fèill mhòr an-còmhnaidh—far am faod luchd-tadhail èisdeachd ri ceòl, bàrdachd agus barrachd. Am measg nan prìomh thachartasan, bidh Liz Lochhead ann, a’ measgachadh fèin-òraidean agus ceòl agus i a’ tro-sgrùdadh nan 45 bliadhnaichean a dh’fhalbh. Cuideachd, bidh Dee Ukes ann, còmhlan-ciùil a bhios a’ toirt fuaim mìorbhaileach an ukulele còmhla riutha bho Dhùn Dèagh.

Cùl-fhiosrachadh

Bidh an Fhèill Poilitigs a’ tachairt aig Pàrlamaid na h-Alba bho Dhiardaoin 19 Damhair gu Disathairne 21 Damhair 2017.

Am measg thachartasan eile, chithear:

Diardaoin 19 Damhair 2017

Is sinne am muinntir – Òraid Canon Kenyon Wright: Uffe Elbaek – 4.30f

Anns a’ chiad òraid seo mar chuimhneachan air Canon Kenyon Wright, cluinnear bho Uffe Elbaek, a stèidhich Alternativet, pàrtaidh ùr Danmhairgeach a tha uaine agus tionnsgaineach, agus fear a bhios a’ toirt cunntas air fhèin mar Bhuaireadair Gun Sgur agus mar Lorgaire Fhuasglaidhean.

Bàs an Eòlaiche – 5.00f

An dèidh Brexit, taghaidhean a chuireadh clisg ort agus staing an ionmhais, dè an t-eòlas a tha aig na h-eòlaichean dha-rìribh? A bheil fiù ’s feum againn air eòlaichean nuair a dh’fhaodas na meadhanan sòisealta ar beachdan fhèin a dhearbhadh gu calg-dhìreach? Coinnich ris a’ phannal againn, nam measg: an t-Àrd-ollamh Jonathan Portes, King’s College, Lunnainn, Dtr Julia Paul, Oilthigh na Banrigh, Beul Feirste, agus an t-Àrd-ollamh Sally Mapstone, prionnsapal, Oilthigh Chill-Rìmhinn, agus iad a’ deasbad a bheil feum air eòlaichean.

Dihaoine 20 Damhair – 11.00m

Ionnsaigh nam boireannach 50 troigh a dh’àirde – Co-ionnanachd Gnè

Ann an saoghal far am faighear nas lugha de 10 sa cheud de cheannardan an t-saoghail a tha nam boireannach, tha adhartas a dh’ionnsaigh co-ionnanachd gnè air tighinn, a rèir coltais, gu stad an-dràsta. Tha an neach-naidheachd, ùghdar agus co-stèidheadair Pàrtaidh Co-ionnanachd nam Boireannach, Catherine Mayer, an dòchas sabaid air ais leis a’ mholadh aice airson ‘Equalia’, comann sòisealta far am biodh co-ionnanachd gnè dha-rìribh ann. Coinnich ri Catherine agus pannal a bhios a’ deasbad dè seòrsa comais, gu poilitigeach, sòisealta agus eaconamach, a bhiodh aig Equalia.

George Monbiot – Às an slèibhtrich – 3.30f

Leis an leabhar ùr aige, ‘Out of the Wreckage’, tha George Monbiot a’ tairgse dòchas agus sealladh gus conaltradh poilitigeach a dhèanamh a-rithist le daoine ann an saoghal a tha a’ sìoladh a thaobh na h-àrainneachd, a tha a’ tuiteam sìos a thaobh a’ chomainn shòisealta agus a tha làn dhaoine a tha an aghaidh poilitigs. Coinnich ri George agus an Oifigear Riaghlaidh agus iad a’ dèanamh còmhraidh air saoghal far am biodh poilitigs a’ brosnachadh dhaoine, far nach biodh adhartas a’ cosg a’ chruinne-cè agus far am biodh coimhearsnachdan a’ soirbheachadh. Cuir t’ ainm sìos air son seo agus lorgaidh tu leabhar beag nan rèabhlaideach poilitigeach air mar a dh’atharraichtear an saoghal tro shàr-bheachdan.

Disathairne 21 Damhair

Evan Davis – An acainn airson iar-fhìrinn – 11.30m

Mar chraoladair, tha Evan Davis air a h-uile rud fhaicinn agus chluinntinn, bho ‘Newsnight’ agus ‘Dragons’ Den’ gu ‘Today’ air Radio 4.

Coinnich ri Evan agus e a’ dèanamh còmhraidh ris an Oifigear Riaghlaidh air an leabhar ùr aige, Post-Truth: Why We Have Reached Peak Bullshit and What We Can Do About It, leabhar beag air mar a dhèiligeas tu ris na foilltean ris am bi sinn a’ tachairt a h-uile latha agus a bheir dhut slighe tro na h-uisgeachan eabarach den linn iar-fhìrinneach.

Breugan, Breugan Damaichte agus Staitistearachd– carson a tha naidheachdas sgrùdail cho cudromach – 11.30m

Chan eil fhios aig duine sam bith am b’ e Mark Twain no Benjamin Disraeli a rinn an cumha sin ri neo-shoilleireachd nam breug, ach an-diugh chuireadh iongantas fiù ’s orrasan leis na chanar ris ‘an fhìrinn’. Le làraichean-lìn de naidheachdan fuadain agus gioragan a’ tòiseachadh tro na meadhanan sòisealta, tha sinn air ar cuartachadh le fiosrachadh mearachdach. Ann an saoghal de naidheachdas a nithear le saoranaich, càit a bheil na glèidheadairean-geata dham bu dual a bhith a’ cumail na fìrinne? Coinnich ri Seònag NicAilpein BPA, Neach-gairm air Comataidh Cultar, Turasachd, Eòrpa agus Dàimhean Taobh a-muigh, agus ris a’ phannal againn agus iad a’ deasbad a bheil feum airson naidheachdas sgrùdail ann an saoghal far a bheil fìrinn mar nì a tha so-lùbaidh.

Yes Minister – 3.00f

Airson ginealach, bha ‘poilitigs’ air a mhìneachadh le Yes Minister agus leis an t-sreath a lean air, Yes, Prime Minister, anns am facas am fear-poilitigs gun choimeas, am Fìor Urr Jim Hacker, agus an Rùnaire Maireannach aige, Sir Humphrey Appleby. Air an suidheachadh anns na h-oifisean de Whitehall, bha na sitcoms measail seo a’ dèanamh aoir den dàimh ann am Breatainn eadar an neach-poilitigs a tha taghte agus an t-Seirbheis Chatharra a tha maireann. Ach dè cho fìor ’s a bha an dealbh a rinn e de dhoilleireachadh reachdail? Coinnich ris a’ phannal againn, nam measg co-chruthadair an t-sreatha, Jonathan Lynn, gus tuilleadh fhaighinn a-mach.

Gheibhear barrachd fiosrachaidh air a’ phrògram aig:

www.parliament.scot/festival