Ghabh àrd riochdairean bho thrì Comataidhean Pàrlamaid na h-Alba pàirt ann an còmhraidhean eadar-phàrlamaideach air cùisean co-cheangailte ri Brexit

13.10.2017

Ghabh àrd riochdairean bho thrì Comataidhean Pàrlamaid na h-Alba pàirt ann an còmhraidhean eadar-phàrlamaideach air cùisean co-cheangailte ri Brexit leithid na buaidh a dh’fhaodadh a bhith aig Bile an Aonaidh Eòrpaich (Tarraing a-mach) air na rèiteachaidhean tiomnadh cumhachd anns an Rìoghachd Aonaichte. Bha a’ choinneamh, a bha air a cur air dòigh le  Comataidh Thaghte an Aonaidh Eòrpaich aig Taigh nam Morairean, a’ toirt còmhla Luchd-cathrach, Luchd-gairm agus riochdairean Chomataidhean a tha a’ sgrùdadh chùisean Brexit ann am Pàrlamaid na h-Alba, Seanadh Nàiseanta na Cuimrigh, Seanadh Èirinn a-Tuath, Taigh nan Cumantan, agus Taigh nam Morairean.

Chaidh co-aithris a chur a-mach às dèidh na coinneimh.  Tha an aithris a’ nochdadh nan dùbhlan a tha fa-near do na comataidhean pàrlamaideach uile a thaobh sgrùdadh Bile an Aonaidh Eòrpaich (Tarraing a-mach).  Tha e cuideachd a’ cur an cèill gu bheil e riatanach gun toir Ministearan anns an Roinn Tarraing a-mach às an Aonadh Eòrpach (DExEU) fianais do na comataidhean pàrlamaideach gu lèir aig a bheil pàirt ann a bhith a’ sgrùdadh a’ Bhile.

Thuirt Brus Crawford BPA, Neach-gairm Comataidh Ionmhas is Bun-reachd: 

“Tha còmhraidhean feumail air a bhith againn le co-obraichean bho phàrlamaidean air feadh na RA thar an dà latha mu dheireadh. Tha na coinneamhan air sealltainn meud an dùbhlain a tha Brexit a’ toirt do reachdadaireachdan (legislatures) anns an RA. Tha còmhraidhean eadar comataidhean air a bheil an dleastanas Brexit a sgrùdadh a’ toirt cothrom airson eòlas agus fiosrachadh a roinn air buaidh Brexit. Thug a’ choinneamh cuideachd seachad cothrom mìneachadh nach robh mòr-chuid bhòtaichean ann am Pàrlamaid na h-Alba airson gabhail ri Gluasad Cead Reachdail (Legislative Consent Motion) a thaobh Bile Tarraing a-mach às an Aonadh Eòrpach mar a tha e sgrìobhte an-dràsta. 

Ma tha comataidhean pàrlamaideach dol a dhèanamh sgrùdadh èifeachdach air Brexit, tha e deatamach gun tig Riaghaltas na RA, agus gu h-àraidh  Ministearan DExEU, air beulaibh nan comataidhean pàrlamaideach uile air a bheil dleastanas Bile Tarraing a-mach às an Aonadh Eòrpach a sgrùdadh.

Thuirt Seonag NicAilpein BPA, Neach-gairm Comataidh Cultar, Turasachd, Roinn Eòrpa agus Dhàimhean Taobh A-muigh: 

“Tha na còmhraidhean anns an robh mise an-diugh aig Westminster air cothrom a thoirt seachad gus eòlas agus fiosrachadh a roinn air na dòighean eadar-dhealaichte a tha reachdadaireachdan thar na RA a’ cleachdadh gus an suidheachadh a thaobh rèiteachadh Alt 50 a mheasadh. Tha e na dhùbhlan a tha deatamach do sgrùdadh rèiteachadh Brexit gum faighear tuigse air an dàimh a tha Riaghaltas na RA ag iarraidh leis an Aonadh Eòrpach san àm ri teachd agus tha còmhradh eadar-phàrlamaideach den leithid seo na chuideachadh sa phròiseas sin. 

Thuirt Graham Simpson BPA, Neach-gairm na Comataidh Chumhachdan Tiomnaichte agus Ath-leasachadh Lagh: 

“Tha coinneachadh agus bruidhinn mun Bhile Tarraing a-mach às an Aonadh Eòrpach ri luchd-pàrlamaid bho air feadh na RA air fòram feumail a lìbhrigeadh airson malairt bheachdan air a’ Bhile. Le reachdadaireachdan air feadh na RA a’ sgrùdadh a’ Bhile, tha còmhraidhean eadar-phàrlamaideach den leithid seo nan dòigh èifeachdach air buaidh an sgrùdaidh a chur am meud. Tha e cuideachd deatamach gun coinnich ministearan Riaghaltas na RA ri comataidhean buntainneach Pàrlamaid na h-Alba cho luath ’s a ghabhas”.