Gabhaidh barrachd a dhèanamh gus luchd-foill a ghlacadh, a rèir Comataidh

25.09.2017

Feumar barrachd oidhirp a dhèanamh gus stad a chur air eucoraich is luchd-foill bho bhith a’ gabhail brath air an sporan phoblach, a rèir Comataidh aig Taigh an Ròid.

Ann an aithisg a chaidh fhoillseachadh an-diugh, tha Comataidh nan Sgrùdaidhean Poblach is Sgrùdaidhean air Reachdas Aontaichte a’ cur phrìomh mholaidhean an cèill gus leasachadh a thoirt air an Iomairt Fhoill Nàiseanta (IFN) ann an Alba às dèidh dhaibh sgrùdadh a dhèanamh air an reachdas aontaichte airson sin.

Bidh an IFN, air a stiùireadh le Sgrùdadh Alba, a’ dèanamh coimeas eadar dàta eileagtronaigeach gus foill no mearachdan a chomharrachadh san roinn phoblaich – leithid cus airgid air a phàigheadh a-mach airson sochairean taigheadais no airson lasachadh sa chìs chomhairle, daoine a’ cleachdadh a’ bhaidse ghuirm ann an dòigh fhoilleil no foill peinnsein.

Thathar a’ tomhas gu bheil an IFN air còrr is £110 millean fhaighinn air ais bho 2006, agus ghabh barrachd air 100 buidheann san roinn phoblaich bho air feadh Alba pàirt san iomairt mu dheireadh aca.

Thuirt Neach-gairm Comataidh nan Sgrùdaidhean Poblach is Sgrùdaidhean air Reachdas Aontaichte, Jackie Baillie BPA:

“Chan eil teagamh nach eil an IFN air soirbheachadh gu mòr ann an Alba. Tha e air dèanamh cinnteach gu bheil barrachd soilleireachd ann a thaobh na thachras le ionmhas poblach agus tha e air milleanan de notaichean fhaighinn air ais a bhiodh luchd-foill air falbh leis no a bhiodh air a chall ri linn mhearachdan san t-siostam mura b’ e an IFN.

“Ge-tà, tha sinn air grunn dhòighean a shealltainn san gabh na modhan-obrach ann an Alba gus stad a chur air foill is mearachdan a neartachadh.

“Aon de na prìomh mholaidhean againn, ’s e aire a’ phobaill a tharraing gun IFN feuch an toir i barrachd buaidhe le bhith a’ cur stad air daoine bho bhith a’ feuchainn ri foill a dhèanamh. Ma thèid innse do bharrachd dhaoine mun IFN, mu mar a tha e ag obrachadh agus mu mar a tha e air soirbheachadh, faodaidh sinn stad a chur air foill mus tachair i.

"Tha sinn cuideachd air iarraidh air buidhnean poblach ann an Alba – agus nuair a tha e iomchaidh buidhnean prìobhaideach a gheibh airgead poblach – pàirt a ghabhail san IFN leis gu bheil e follaiseach gu bheil e a’ sàbhaladh airgead poblach.”

Cùl-fhiosrachadh

Leughaibh aithisg Comataidh nan Sgrùdaidhean Poblach is Sgrùdaidhean air Reachdas Aontaichte.

Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh mu obair na Comataidh an seo.