Gairm Fianais air Cumhachdan Tiomnaichte ann am Bile (Tarraing a-mach às) an AE

11.09.2017

Tha a’ Chomataidh Chumhachdan Tiomnaichte agus Ath-leasachadh Lagh an-diugh a’ cur a-mach gairm fianais a thaobh Bile (Tarraing a-mach às) an Aonadh Eòrpach.

Beachdaichidh a’ Chomataidh air na cumhachdan tiomnaichte anns a’ Bhile a thèid a thoirt do Mhinistearan na h-Alba.

Thuirt Graham Simpson BPA, Neach-gairm na Comataidh:

“Bidh sinn a’ cuimseachadh air na cumhachdan a tha Riaghaltas na RA an dùil toirt do Mhinistearan na h-Alba fon Bhile.

“Tha sinn airson beachdan a chluinntinn a bheil e freagarrach na cumhachdan seo a thoirt do Mhinistearan na h-Alba, a bheil iad air an dealbh gu freagarrach agus an obraich iad, agus a bheil dòighean-sgrùdaidh na Pàrlamaid a’ fòghnadh.” 

Tha gairm fianais na Comataidh a’ sònrachadh nan raointean sa bheil a’ Chomataidh gu h-àraidh ag iarraidh fianais fhaighinn.  Lorgar e air duilleag-lìn na Comataidh. Tha a’ Chomataidh cuideachd, ged-thà, ag iarraidh beachdan a chluinntinn air a h-uile taobh den Bhile a tha na raon-ùghdarrais.

Cùl-fhiosrachadh

Thug Riaghaltas na RA a-steach Bile (Tarraing a-mach às) an Aonadh Eòrpach (“am Bile”) air 13 Iuchar 2017.  Tha Notaichean Mìneachaidh a’ Bhile ag ràdh gum bi ceithir prìomh adhbharan aige:

  • Ais-ghairm Achd Choimhearsnachdan Eòrpach 1972;
  • A’ tionndadh lagh an AE, mar a tha e aig an dearbh àm fàgail, do lagh na dachaigh, mus fàg an RA an AE;
  • Cruthachadh cumhachd fo-reachdas a dhèanamh, a’ gabhail a-steach cumhachdan sealach gus laghan a cheartachadh nach obraicheadh tuilleadh nuair a tha an RA air an AE fhàgail, agus airson aonta tarraing a-mach a chur an gnìomh, agus
  • A’ cumail mar a tha e an raon-ùghdarrais chumhachdan tiomnaichte ann an raointean a tha fo riaghladh lagh an AE an-dràsta. 

Bidh obair na Comataidh a thaobh beachdachadh air a’ Bhile a’ coimhead ris na raointean a leanas:

  • Beachdaichidh a’ Chomataidh a bheil e freagarrach cumhachdan a thiomnadh do Mhinistearan na h-Alba ann am Bile (Tarraing a-mach às) an AE.
  • Beachdaichidh a’ Chomataidh air farsaingeachd nan cumhachdan. A bheil na cumhachdan ro fharsaing?  Am b’ urrainnear am mìneachadh ann an dòigh a dhèanadh nas soilleire ciamar a thèid na cumhachdan a chur an gnìomh?  
  • Beachdaichidh a’ Chomataidh air a’ cheangal eadar rùn poileasaidh mar a chaidh a chur an cèill anns a’ Mheòrachan Chumhachdan Tiomnaichte agus dè tha am Bile a’ leigeil le Ministearan na h-Alba a dhèanamh agus iad a’ cur a’ chumhachd sin an gnìomh.
  • Beachdaichidh a’ Chomataidh a bheil sgrùdadh pàrlamaideach gu leòr ga dhèanamh air na cumhachdan.

Lorgar am Bile agus am Meòrachan Chumhachdan Tiomnaichte air Làrach-lìn Thaigh nan Cumantan.

 

 

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.