Barrachd a dhìth bho chomhairlean gus trod mu challaidean a rèiteach, a rèir Comataidh

10.09.2017

Tha callaidean a dh’fhàsas ro mhòr, agus a bhios a’ cur nàbaidhean fo sgàile, fhathast nan adhbhar connspaid ann an Alba airson nach eil reachdas an-còmhnaidh ga chleachdadh mar bu chòir, a rèir Comataidh Thaigh an Ròid.

Tha a’ Chomataidh Riaghaltas Ionadail agus Choimhearsnachdan aig Pàrlamaid na h-Alba air prìomh mholaidhean a chur an cèill ann an aithisg an-diugh, às dèidh rannsachadh a dhèanamh air an Achd Challaidean Àrda (Alba) 2013.

Thàinig an Achd Challaidean Àrda (Alba)  an èifeachd ann an 2013, ag amas air rèiteach trod eadar nàbaidhean a tha ag èirigh air sgàth challaidean air leth mòra a tha a’ cur air beatha dhaoine nan dachaigh, nan gàrradh agus san àrainneachd mun cuairt.

Ann an seiseanan fianais, chuala a’ Chomataidh mu fìor chùisean mì-chiatach far an do leagadh a h-uile dàrna craobh gus nach b’ urrainnear a ràdh gur e callaid àrd a bh’ ann.

Thuirt Neach-gairm na Comataidh Riaghaltas Ionadail agus Choimhearsnachdan, Bob Doris BPA:

“Chuala ar Comataidh bho dhaoine air feadh na dùthcha, agus bha mòran aca a’ bruidhinn air an fhìor dhroch bhuaidh a bh’ aig callaidean àrda air am beatha.  Thuirt cuid, fiù, gu robh aca ri bhith beò am measg fhaileasan air sgàth challaidean àrda a’ cumail solas an latha bhuapa.  Gun teagamh, ma tha daoine gan lèireadh le dìth solais, feumar rudeigin a dhèanamh ma dheidhinn.

“Ged a tha amannan nuair a tha an Achd Challaidean Àrda ag obair glè mhath do choimhearsnachdan, tha e follaiseach nach eil e ag obair anns an dearbh dhòigh a bhathas a’ sùileachadh. Mar eisimpleir, fhuair sinne gu robh cuid de dh’ùghdarrasan ionadail a’ diùltadh thagraidhean gearain a chionn nach robh sreath chraobhan no phreasan gam meas nan callaid, ge bith dè an droch bhuaidh a bh’ air nàbaidhean.

“Airson cuid de na cùisean seo a leasachadh, tha sinn air iomradh a thoirt air prìomh mholaidhean airson Riaghaltas na h-Alba agus ùghdarrasan ionadail gus am bi an Achd Challaidean Àrda ag obair gu h-èifeachdach do na h-uile” 

Am measg nam prìomh mholaidhean…

  • Bu chòir do Riaghaltas na h-Alba stiùireadh ùr fhoillseachadh ag innse gum bu chòir tagraidhean a mheas a rèir na buaidh a th’ aig planntrais seach am b’ e callaid a bh’ ann bho thùs. Cuideachd, bu chòir don stiùireadh ùghdarrasan ionadail a bhrosnachadh a bhith sùbailte a’ dèiligeadh ri tagraidhean mu Challaidean Àrda, fhad ’s a tha iad fhathast a’ cumail ris na ro-innleachdan aca a thaobh àiteachan uaine.  
  • Bu chòir cosgais an tagraidh fhaighinn air ais bhon neach leis a bheil a’ challaid nuair a tha an tagradh soirbheachail, ann an dòigh ’s gun urrainn don ùghdarras ionadail an tagraiche a phàigheadh air ais. 
  • Tha a’ Chomataidh a’ moladh gum bu chòir dàta cunbhalach a chruinneachadh air cleachdadh na h-Achd Challaidean Àrda gus tomhas a bheil e èifeachdach san àm ri teachd agus gum bu chòir do Riaghaltas na h-Alba oidhirp a dhèanamh gus seo a thoirt gu buil.

Cùl-fhiosrachadh

Faigh a-mach barrachd mu obair na Comataidh

 

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.