Planaichean air tèarainteachd shòisealta – ciamar a bheir iad buaidh ort, tha Comataidh a’ faighneachd

03.07.2017

Bheir e buaidh air barrachd air 1.4 millean daoine agus bidh e a’ gabhail a-steach caiteachas luach £2.9 billean gach bliadhna, ach dè bhios buaidh bho thiomnadh chumhachdan air tèarainteachd shòisealta, bho Westminster gu Taigh an Ròid, a’ ciallachadh airson tagraichean? Is e seo dìreach aon de na ceistean a bhios Comataidh Tèarainteachd Shòisealta ann am Pàrlamaid na h-Alba a’ faighneachd agus iad a’ sgrùdadh Bile Tèarainteachd Shòisealta (Alba).

Tha am Bile a’ riochdachadh aon de na h-atharrachaidhean as motha a thaobh chumhachdan bho chaidh fèin-riaghladh a stèidheachadh. Tha e a’ dèanamh solair airson cumhachdan a thiomnadh air 11 sochairean, nam measg Cuibhreann Bith-beò Ciorramachd, Pàigheadh Connadh a’ Gheamhraidh agus Cuibhreann Luchd-cùraim.

Cuideachd anns a’ Bhile tha na seachd prionnsabalan air am bi siostam na tèarainteachd sòisealta ann an Alba a stèidheachadh. An-diugh, chaidh gairm airson fianais a chur air bhog leis a’ Chomataidh a tha a’ faighneachd a bheil na prionnsabalan seo ceart agus a tha a’ sireadh bheachdan air na sochairean ris a bheil am Bile a’ dèiligeadh.

Thuirt Neach-gairm na Comataidh, Sandra White BPA:

“Bidh buaidh mhòr aig a’ Bhile seo air a’ bheatha làitheil de mhilleanan de dhaoine air feadh Alba. Bidh a’ bhuil aige air cuid den fheadhainn as so-leònte anns a’ choimhearsnachd againn, agus mar sin tha e deatamach gum bi a’ Chomataidh againn a’ dèanamh cinnteach gu bheil am Bile ag obair agus a’ lìbhrigeadh airson an duine san t-sreath ann an Alba.

“Tha e soilleir bho na prionnsabalan anns a’ Bhile gu bheil Riaghaltas na h-Alba ag iarraidh gum bi daoine aig cridhe an t-siostaim ùir. Ach tha a’ Chomataidh againn airson fios a bhith againn air dè a’ bhuaidh a bhios aig na prionnsabalan seo air tagraichean, a dh’fheumas buaidhean a’ Bhile a ghiùlan.“Chan eil teagamh ann gu bheil am Bile seo a’ comharrachadh atharrachadh mòr airson Alba anns an dòigh sa bhios sochairean air an lìbhrigeadh. ’S ann air an adhbhar sin a tha sinn ag iarraidh a chluinntinn gu dìreach bho na daoine sin gus na beachdan aca a chluinntinn air am bi am Bile a’ dèanamh diofar.”

Mar phàirt de sgrùdadh na Comataidh, bidh iad a’ cumail bùth-obrach le deannan luchd-fianais aig a bheil eòlas bho am fèin-fhiosrachadh de thèarainteachd shòisealta ann an seisean ‘Your Say’, agus bheir cuid dhiubh fianais fhoirmeil air 7 Sultain 2017.

Cùl-fhiosrachadh

Chaidh am Bile Tèarainteachd Shòisealta (Alba) a thoirt a-steach mar thoradh air ullachaidhean ann an Achd na h-Alba 2016. Tha na h-ullachaidhean seo a’ toirt comais laghail do Phàrlamaid na h-Alba air ciorramachd, leòintean gnìomhachais agus sochairean luchd-cùraim, sochairean màthaireil agus sochairean airson adhlacaidhean agus cosgaisean teasachaidh, a bharrachd air Pàigheadh Taigheadais fo Ùghdarras.

Is iad na sochairean a thig gu Alba mar thoradh air a’ Bhile:

  • Cuibhreann Bith-beò Ciorramachd;
  • Pàigheadh Neo-eisimeileachd Pearsanta;
  • Cuibhreann Frithealaidh;
  • Cuibhreann nan Glè-chiorramach is Sgeama Leòintean Gnìomhachais;
  • Cuibhreann Luchd-cùraim;
  • Tabhartasan Màthaireil Sure Start;
  • Pàigheadh Adhlacaidh;
  • Pàigheadh Aimsir Fhuar is Pàigheadh Connadh a’ Gheamhraidh; agus
  • Pàigheadh Taigheadais fo Ùghdarras.

Gheibhear barrachd fiosrachaidh air a’ Bhile aig:

http://www.parliament.scot/parliamentarybusiness/Bills/105267.aspx

Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh air a’ ghairm airson fianais a dh’fhoillsich a’ Chomataidh aig: 

www.parliament.scot/social-security-bill