A bheil e na chomas do theicneòlas is innleachdas cruth-atharrachadh a thoirt air an NHS?

31.05.2017

Dè na prìomh chothroman a th’ ann gus dòighean-obrach innleachdach is teicneòlas a chur an sàs ann an seirbheisean slàinte is cùram sòisealta thairis air an ath dheich bliadhna agus an toir sin atharrachadh mòr air an dòigh sa bheil an t-seirbheis air a stiùireadh agus air a lìbhrigeadh?

Tha Comataidh Slàinte is Spòrs Pàrlamaid na h-Alba a’ sireadh bheachdan air mar a tha Riaghaltas na h-Alba a’ dèiligeadh ri e-Slàinte. Tha BPAan airson cluinntinn mu na tha nithean a dh’obraich agus nach do dh’obraich leis na ro-innleachdan airson tele-chùram agus tele-slàinte agus dè na cothroman a dh’fhaodadh èirigh an lùib leasachaidhean ùra. Cuideachd, bheir a’ Chomataidh sùil air na nithean a tha cur bacadh air leasachaidhean ùra san NHS.

Cuideachd sa ghairm airson fianais aca tha a’ Chomataidh a’ faighneachd a bheil an dreachd den ro-innleachd aig Riaghaltas na h-Alba airson slàinte is cùram sòisealta digiteach a’ frithealadh gu ceart air na feuman a bhios aig an NHS agus seirbheisean cùram sòisealta ann an Alba san àm ri teachd. Am brosnaich an ro-innleachd, agus an dèan i cinnteach gum faicear, an t-innleachdas is an cruth-atharrachadh a bhios a dhìth gus teicneòlas a chur gu feum mar bu chòir?

Thuirt Niall MacFhionnlaigh BPA, Neach-gairm na Comataidh Slàinte is Spòrs:

"Tha e na chomas do theicneòlas digiteach cruth-atharrachadh a thoirt air seirbheisean slàinte is cùram sòisealta. Tha sinn airson faighinn a-mach a bheilear a’ dèanamh gu leòr gus feum ceart a dhèanamh den chomas sin agus tha sinn ag iarraidh beachd fhaighinn air dè an seòrsa innleachdais a bu chòir dhuinn a bhith sùileachadh bhon NHS an ceann deich bliadhna.

“Tha innleachdas gu bhith fìor chudromach san obair gus dèanamh cinnteach gum bi seirbheisean a’ cleachdadh an teicneòlais as ùire agus gum bi siostaman aonaichte ann a tha ag obair don NHS agus roinn a’ chùraim air fad. Tha sinn a’ faighneachd a bheil an dreachd de Ro-innleachd Riaghaltas na h-Alba airson Slàinte is Cùram Sòisealta Digiteach a’ dol a choileanadh nan amas sin.”

Tha a’ ghairm airson fianais a’ dol gu 12 Iuchar. Thathar ag iarraidh fhreagairtean airson nan ceistean a leanas:

  1. Dè na prìomh rudan a dh’obraich sna ro-innleachdan a th’ aig Riaghaltas na h-Alba an-dràsta airson e-Slàinte agus tele-chùram/tele-slàinte agus carson a bha sin?
  2. Dè na prìomh rudan nach do dh’obraich sna ro-innleachdan a th’ aig Riaghaltas na h-Alba an-dràsta airson e-Slàinte agus tele-chùram/tele-slàinte agus carson a bha sin?
  3. Dè cho math ’s a tha an dreachd de Ro-innleachd Riaghaltas na h-Alba airson Slàinte is Cùram Sòisealta Digiteach 2017-2022 a’ frithealadh air na feuman a bhios aig an NHS agus seirbheisean cùram sòisealta san àm ri teachd
  4. A bheil sibh a’ smaoineachadh gu bheil easbhaidhean mòra sam bith san dreachd de Ro-innleachd Riaghaltas na h-Alba airson Slàinte is Cùram Sòisealta Digiteach 2017-2022
  5. Dè na prìomh chothroman a bhios ann gus feum a dhèanamh de theicneòlas an lùib sheirbheisean slàinte is cùram sòisealta thairis air an ath dheich bliadhna?
  6. Dè na gnìomhan a tha dhìth gus am bi cothrom nas fheàrr aig daoine air clàran dealanach euslaintich agus gus am bi e nas fhasa an co-roinn?
  7. Dè na nithean a tha cur bacadh air innleachdas an lùib sheirbheisean slàinte is cùram sòisealta?