A’ Phàrlamaid gus Ombudsman ùr airson nan Seirbheisean Poblach ainmeachadh

03.02.2017

Thèid cuireadh a thoirt do Phàrlamaid na h-Alba an ath sheachdain Rosemary Agnew ainmeachadh do A Mòrachd airson a cur an dreuchd mar Ombudsman ùr Seirbheisean Poblach na h-Alba. 

Is e dreuchd Ombudsman Seirbheisean Poblach na h-Alba sgrùdadh a dhèanamh air gearanan mun chuid as motha de na buidhnean a bheir seirbheisean poblach seachad ann an Alba far a bheil neach a’ cumail a-mach gun do dh’fhuiling e ana-ceartas no cruadal mar thoradh air droch rianachd no fairtleachadh ann an seirbheis. 

Thathar an dùil gun tig Bmh. Agnew an àite an Ombudsman a tha ann an-dràsta Jim Martin a bhios a’ leigeil a dhreuchd seachad air 30 Giblean am-bliadhna.  

Tha an suidheachadh a’ tighinn an dèidh pròiseas fosgailte fastaidh a dh’iarr tagraichean a nochdadh breitheanas barraichte gus co-dhùnaidhean slàn is gun chlaonadh a thoirt a-mach; sgilean anabarrach leasaichte a thaobh buaidh is conaltraidh; fianais air ceannas ro-innleachdail; agus eòlas nach beag air toraidhean a lìbhrigeadh. 

Tòisichidh Bmh. Agnew anns a’ phost air 1 Cèitean 2017. 

Is e seo suidheachadh làn-thìde, fad ùine stèidhichte fad ochd bliadhna le tuarastal de £83 mìle na lùib. 

Fiosrachadh eachdraidh-beatha 

Tha Rosemary Agnew ag obair mar Choimiseanair Fiosrachaidh na h-Alba an-dràsta, post a tha air a bhith aice bho 1 Cèitean 2012.

Tha an t-eòlas a tha aig Rosemary air làimhseachadh ghearanan ann an siostaman reachdail agus quasi-bhreitheach gus beachdachadh agus co-dhùnadh air mì-thoileachas le seirbheisean poblach gu math farsaing, agus a’ dol air ais gu 2001. Mus robh i mar Choimiseanair Fiosrachaidh na h-Alba, bha i na Ceannard air Coimisean Gearanan Laghail na h-Alba, agus gu dìreach roimhe sin bha i ag obair mar Ombudsman-cuideachaidh do dh’Ombudsman Riaghaltais Ionadail na Rìoghachd Aonaichte. 

Thug Rosemary ceum MBA, le àrd-urram, a-mach aig Sgoil-ghnìomhachais Mhanchester. A bharrachd air an eòlas a tha aice air làimhseachadh ghearanan, tha i air rianachd agus stiùireadh a dhèanamh air buidhnean tro atharrachaidhean mòra agus air an tuigse dhomhainn a tha aice air riaghladh a thoirt gu buil gu h-èifeachdach.

Tha seo uile air lèirsinn a thoirt dhi air diofar dhòighean-dèiligidh mu làimhseachadh ghearanan agus cho cudromach agus a tha an leithid de dhreuchdan dhan dòigh sam bi daoine a’ ceangal is a’ conaltradh ri luchd cho-dhùnaidhean agus seirbheisean poblach. 

Cùl-fhiosrachadh 

Is e dreuchd Ombudsman Seirbheisean Poblach na h-Alba sgrùdadh a dhèanamh air gearanan mun chuid as motha de na buidhnean a bheir seirbheisean poblach seachad ann an Alba far a bheil neach a’ cumail a-mach gun do dh’fhuiling e ana-ceartas no cruadal mar thoradh air droch rianachd no fairtleachadh ann an seirbheis. Am measg nam buidhnean a bhios a’ toirt seachad nan seirbheisean poblach ann an Alba tha comhairlean, Seirbheis Nàiseanta na Slàinte, comainn-taigheadais is co-chomainn, oilthighean is colaistean, a’ chuid as motha de luchd-solair uisge is òtrachais, prìosanan, Riaghaltas na h-Alba agus na buidhnean-gnìomha is na roinnean aige, agus a’ chuid as motha de dh’ùghdarrasan na h-Alba. 

O chionn beagan bhliadhnaichean, tha raon-ùghdarrais an Ombudsmain air leudachadh gus gearanan air prìosanan, luchd-uisge agus slàinte phrìosanach a ghabhail a-steach. Cuideachd, tha dleastanas reachdail air an Ombudsman gearanan gnàthaichte mu làimhseachadh ghearanan fhoillseachadh agus deagh-chleachdadh ann an làimhseachadh ghearanan a chur air adhart. Ann an 2016, dh’fhàs an t-Ombudsman gu bhith mar am breithniche neo-eisimeileach air Maoin Sochair na h-Alba agus thèid dreuchd an Ombudsmain a leudachadh barrachd ann an 2017 nuair a bhios an t-Ombudsman comasach, mar phàirt den amalachadh eadar slàinte agus cùram sòisealta, breitheanas dreuchdail a bheachdachadh cuideachd mu ghearanan mu obair shòisealta. 

Gheibhear barrachd fiosrachaidh mun obair aig an Ombudsman aig:- 

http://www.spso.org.uk/ 

Thèid iarraidh air Pàrlamaid na h-Alba aonta a chur ri ainmeachadh Bmh. Agnew air Dimàirt 7 Gearran 2017. Tha a’ ghluasad mar a leanas: 

Bob Doris BPA às leth a’ Phannail Taghaidh: Cur-an-dreuchd Ombudsman Seirbheisean Poblach na h-Alba

Gu bheil a’ Phàrlamaid ag ainmeachadh Rosemary Agnew do A Mòrachd mar Ombudsman Seirbheisean Poblach na h-Alba fo Earrann 1 de dh’Achd Ombudsman Seirbheisean Poblach na h-Alba 2002

This website is using cookies.
We use cookies to ensure that we give you the best experience on our website. If you continue without changing your settings, we’ll assume that you are happy to receive all cookies on this website.