Buidhnean Tar-pàrtaidh

Dè a tha ann am Buidhnean Tar-Phàrtaidh?

Bheir Buidhnean Tar-Phàrtaidh (CPGs) an cothrom do na Buill à gach pàrtaidh, eagrachaidhean air an taobh-a-muigh agus do dhaoine coinneachadh agus ceist no cuspair sònraichte anns a bheil ùidh aig na h-uile a dheasbad.

Feumar iarrtasan gus aithneachadh fhaotainn mar ChPG a chur gu Comataidh nan Inbhean agus nan Suidheachaidhean Poblach gus aonta fhaighinn agus chan eil ach an fheadhainn ris an cuir a´ Chomataidh aonta ceadaichte an t-ainm ´Buidheann Thar-Phàrtaidh ann am Pàrlamaid na h-Alba´ a chleachdadh.

Ciamar a bhios Buidhnean Tar-Phàrtaidh ag obrachadh?

Tha obrachadh ChPGS ga riaghladh le Earrann 6 (Leabhar 2) de Chòd-Cleachdais nam Ball (bidh an ceangal seo a´ fosgladh sgrìobhainn PDF) far a bheil mìneachadh mu na modhan-obrachaidh a tha ann gus CPG a stèidheachadh agus an frèama mun dòigh sam bi iad ag obrachadh.

Chan eil am frèama sa Chòd-Chleachdais mu obrachadh nan CPG ceangailteach mu na modhan-obrachaidh aig na

Buidhnean agus faodaidh na Buidhnean iad fhèin an cuid mhodhan-obrachaidh fhèin a chruthachadh fhad is a bhios na modhan-obrachaidh seo a rèir nan riaghailtean coitcheann ann an Earrann 6. Gheibhear barrachd stiùiridh mu CPGs ann an Leabhar 3 den Chòd-Chleachdais (bidh an ceangal seo a´ fosgladh sgrìobhainn PDF).

Gheibhear cùl-fhiosrachadh mu riaghladh CPGs anns an Dara Aithisg aig Comataidh nan Inbhean 1999, ´Riaghladh Bhuidhnean Tar-Phàrtaidh´.

Cò dha an cuir mi fios?

Gus barrachd fiosrachaidh fhaighinn mu ChPG sònraichte, cleachdaibh am fiosrachadh air an duilleag CPG iomchaidh.

Gus fiosrachadh coitcheann fhaighinn mun mhodh-obrachaidh ceangailte ri clàradh agus mu riaghladh Bhuidhnean Tar-Phàrtaidh, cuiribh fios gu sgioba Comataidh nan Inbhean is Cur-an-dreuchd Poblach air 0131 348 5179 (fònaichean Text Relay dì-beathte) air neo cuiribh post-dealain gu crosspartygroup@scottish.parliament.uk.

This is a speech bubble