Poileasaidh mu Chleachdadh ris an Gabhar

Tha a bhith a’ cleachdadh làrach-lìn Pàrlamaid na h-Alba a’ ciallachadh gu bheil sibh a’ gabhail, agus ag aontachadh cumail, ris a’ phoileasaidh seo mu chleachdadh ris an gabhar.

Faodaidh sibh làrach-lìn Pàrlamaid na h-Alba a chleachdadh dìreach air adhbharan laghail. Chan fhaod sibh an làrach-lìn a chleachdadh:

  • Ann an dòigh sam bith a bhriseas lagh no riaghailt ionadail, nàiseanta, no eadar-nàiseanta a tha iomchaidh.
  • Ann an dòigh sam bith a tha an aghaidh an lagha no eadarnach, no aig a bheil adhbhar no buaidh sam bith a tha an aghaidh an lagha no eadarnach. 
  • Gus sanasachd no stuth-sanasachd sam bith a tha gun iarraidh is gun ùghdarras no riochd sam bith eile de stuth coltach ris (spama) a sgaoileadh no adhbharachadh gun tèid a chur.
  • Fiosrachadh sam bith a sgaoileadh, a chur no a luchdachadh le fios anns a bheil bhìorasan, eich Trojan, boiteagan, bomaichean-ùine, logairean bhuillean-iuchrach, bathar-bratha, bathar-sanasachd no prògraman cronail sam bith eile no còd-coimpiutaireachd coltach riutha a chaidh a dhealbhachadh gus droch bhuaidh a thoirt air mar a bhios bathar-bog no bathar-cruaidh coimpiutaireachd ag obrachadh.

Tha sibh cuideachd ag aontachadh gun cothrom gun ùghdarras fhaighinn air, buntainn ri, milleadh a dhèanamh no briseadh a-steach air earrann sam bith den làraich, acfhainn no lìonra sam bith air a bheil an làrach-lìn ga gleidheadh no bathar-bog sam bith a thathar a' cleachdadh ann an ullachadh na làraich.

Cur an dara taobh agus crìochnachadh

Nì an SPCB co-dhùnadh, le seagh fhèin, an deach am poileasaidh seo mu chleachdadh ris an gabhar a bhriseadh nuair a chleachd sibh làrach-lìn Pàrlamaid na h-Alba. Nuair a thathar air am poileasaidh a bhriseadh, faodaidh an SPCB a leithid a ghnìomh a ghabhail a tha iomchaidh na beachd, a’ toirt leis a’ chòir agaibh air an làrach againn a chleachdadh a thoirt air falbh sa bhad, fad ùine no gu buan; rabhadh a chur thugaibh; cùisean laghail nur n-aghaidh gus cosgaisean a thoirt air ais mar chuidhteachadh ag èirigh às a’ bhriseadh; no a leithid de dh’fhiosrachadh a nochdadh ri ùghdarrasan cur-an-gnìomh an lagha a rèir mar a tha SPCB den bheachd a tha gu reusanta riatanach.

Atharrachaidhean air a’ phoileasaidh mu chleachdadh ris an gabhar

Faodaidh an SPCB am poileasaidh seo mu chleachdadh ris an gabhar atharrachadh aig àm sam bith le bhith ag atharrachadh na duilleig seo. Bu chòir dhuibh sùil a thoirt air an duilleig seo bho àm feuch an deach atharrachaidhean sam bith a dhèanamh. Faodaidh gum bi feadhainn de na h-ullachaidhean sna cumhaichean-cleachdaidh seo air an cur à àite cuideachd le ullachaidhean no fios air fhoillseachadh ann an àiteachan eile air an làraich.