Cumhachan RSS

  1. Le bhith a’ cleachdadh inbhir RSS (“an t-Inbhir”) Buidheann Chorporra Pàrlamaid na h-Alba (SPCB) tha thu ag aontachadh a bhith ceangailte ris na cumhachan a leanas. Tha an SPCB a’ cumail na còrach na cumhachan seo atharrachadh; le bhith a’ cleachdadh an Inbhir an dèidh nan atharrachaidhean sin, tha thu ag aontachadh a bhith ceangailte an dèidh sin ris na cumhachan air an atharrachadh.
  2. Faodaidh tu an t-Inbhir a chleachdadh gus an Susbaint a beir an t-Inbhir sin seachad a chur air a’ choimpiutair no air an làrach-lìn agad. Feuchaidh an SPCB ri dèanamh cinnteach gum bi cothrom air an Inbhir fad na tìde ach chan urrainn dhuinn dol an urras gum bi. Tha an t-Inbhir ga thoirt seachad air bunait ‘mar a tha’ agus ged a nì an SPCB oidhirp gus a dhèanamh cinnteach gu bheil an Susbaint cruinn, ris an uair agus iomlan chan eil sinn a’ dèanamh gheallaidhean no barantais sam bith mun Inbhir no mun t-Susbaint. 
  3. Is ann leis an SPCB a tha Susbaint sam bith a bheir an t-Inbhir seachad. Is ann leinn a tha na còraichean agus gach còir air maoin inntleachdail eile crochte ris an t-Susbaint, ach a-mhàin far an tèid a chaochladh a chur an cèill.

Tha thu ag aontachadh:

  • gun aidich thu an SPCB mar thùs ri Susbaint sam bith a thathar a’ taisbeanadh;
  • nas lugha na a chuirear a chaochladh an cèill, gun aidich thu gum buin an Susbaint dhan Phàrlamaid; agus gun dìon thu an SPCB bho imeachdan, bho chall agus bho chosgaisean ag èirigh às an fheum a bheir thu às an Inbhir agus às an t-Susbaint.

Tha thu ag aontachadh nach:

  • atharraich thu an Susbaint;

o    nach sgaoil thu no nach gabh thu brath a thaobh malairt air an t-Susbaint, ach a-mhàin fo chead a chaidh a bhuileachadh gu dligheach ort; nach toir thu air falbh fios mu chòraichean no mu chomharraidhean-malairt sam bith ceangailte ris an Inbhir no ris an t-Susbaint; nach nochd thu, no nach leig thu no nach ceadaich thu gun tèid Susbaint a nochdadh air làrach-lìn a tha ann an aonan, no a tha gu ìre ann an aonan de na cinn a leanas:

o    làraichean a spreagas gràin, ainneart no ceannairceachd ann an dòigh sam bith; làraichean a nì lethbhreith no a bhrosnaicheas lethbhreith an aghaidh buidheann shòisealta sam bith; làraichean a tha an sàs, a chuireas air adhart no a cheadaicheas, obair mhì-laghail, sàrachadh air còraichean anns an àireamh; làraichean a tha drabastach no toibheumach no air a bheil susbaint a tha an aghaidh laghan na Rìoghachd Aonaichte, an lagh mu dhìomhaireachd nam measg;

o    làraichean a shàraicheas prìobhaideachd an duine mar a tha air a dhìon le Ach Dìon Dàta 1998 agus Achd nan Còraichean Daonna 1998; agus

o    làraichean a chumas a-mach, gun ùghdarras, gu riochdaich iad no gu bheil ceadaichte gu h-oifigeil leis an SPCB no a tha mearachdach a thaobh Pàrlamaid na h-Alba.

o    cleachd thu an t-inbhir ceangailte ri sanasachd, aontachadh no riochd sam bith eile de bhannalas gun inbhe;

o    cleachd thu an t-inbhir ann an dòigh air a bheil an coltas a bhith mar thaic ri sealladh poilitigeach no taghadaireach. 

Bidh na cumhachan seo gan riaghladh agus gam mìneachadh a rèir lagh na h-Alba agus bidh uachdranachd laghail aig cùirtean na h-Alba a-mhàin gus connsachadh sam bith ceangailte riutha a rèiteachadh.