Taic cànain

Cuideachadh-cànain ga thoirt seachad le Pàrlamaid na h-Alba

Tha Pàrlamaid na h-Alba ag iarraidh dèanamh cinnteach gum faod a h-uile duine ann an Alba dol an sàs anns an obair aice, ge b’ e dè an cànan a bhios iad a' cleachdadh.

Is e Seirbheis Fiosrachaidh a’ Phobaill a’ chiad àite dhan tèid sibh airson fiosrachaidh no iarrtasan ann an cànan sam bith. Nì sinn measadh air na tha a dhìth agus bheir sinn dhuibh cuideachadh gus an t-iarrtas agaibh a thoirt air adhart.

 

Ciamar as urrainn dhomh ceist a chur na mo chànan fhèin?

Faodaidh sibh sgrìobhadh no post-dealain a chur gu Pàrlamaid na h-Alba no chun nam Ball agaibh ann an cànan sam bith. Faodaidh sibh athchuinge no fianais-sgrìobhte a chur a-steach gu comataidh ann an cànan sam bith cuideachd. Seach gum bi againn ri seirbheisean eadar-mhìneachaidh is eadar-theangachaidh a chur air dòigh le buidhnean-gnìomha air an taobh a-muigh, tha e nas fhasa gnothach a ghabhail ris a’ cheist agaibh ann an sgrìobhadh no riochd a ghabhas clàradh, mar eisimpleir, DVDan no bhideothan bho luchd-cleachdaidh Cànan Soidhnidh Bhreatainn (BSL).

Tha e comasach dhuinn gabhail ri fònaichean, fòn-teacsa is teachdaireachdan-teacsa sa Ghàidhlig no sa Bheurla. Mura bheil sibh a’ bruidhinn Beurla, tha sinn toileach gun cuir caraid no cuideigin càirdeach dhuibh fios thugainn às ur leth.

Dè am fiosrachadh a tha ri fhaotainn mar-thà ann an cànanan eadar-dhealaichte?

Tha fiosrachadh ri fhaotainn air an làrach-lìn againn sa Bheurla agus ann an 14 de chànanan eile (Arabais, Bengali, Beurla Ghallta, Cànan Soidhnidh Bhreatainn, Eadailtis, Fraingis, Gàidhlig, Gearmailtis, Pòlainnis, Punjabi, Ruiseanais, Sìnis, Spàinnis agus Urdu). Faic tionndadh Beurla na duilleige seo airson ceanglaichean ri gach cànain.

Faodaidh sibh copaidhean de dhuilleachain no de sgrìobhainnean òrdachadh bho Sheirbheis Fiosrachaidh a’ Phobaill.

Dè na dh’fhaodas mi iarraidh?

Gus a chur air chomas dhuibh ceangal a dhèanamh ris a’ Phàrlamaid faodaidh sibh iarraidh gun tèid fiosrachadh a chuir Pàrlamaid na h-Alba ri chèile a thionndadh dhan chànan a bhios sibh a’ cleachdadh. Faodaidh sibh eadar-mhìnichear iarraidh cuideachd ma thèid cuireadh a thoirt dhuibh fianais a thoirt gu coinneamh aig comataidh no ma bhios cuideachadh a dhìth oirbh le gnothach pàrlamaideach. Bheir sinne cuideachadh le gach iarrtas reusanta, mothachail air adhbhar, raon-ama agus cosgais. Tha na cuspairean seo a rèir ruigsinneachd agus bu chòir an iarraidh dà sheachdain ro làimh air a’ char as giorra dheth.

Dè bu chòir dhomh a dhèanamh ma bhios eadar-mhìnichear a dhìth orm gus an urrainn dhomh tighinn gu tachartas aig a’ Phàrlamaid?

Ma bhios sibh ag iarraidh eadar-mhìnicheir mar thaic ribh ri linn tachartais, cuiribh fios gu eagraiche-thachartasan na buidhne a thug cuireadh dhuibh cho luath is a ghabhas ron tachartas. Thoiribh fa-near gur h-e rabhadh ceala-deug an ìre as ìsle a tha a dhìth mar as trice gus seirbheisean eadar-mhìnicheir fhaighinn.

Ciamar a chuireas mi fios air na Buill agam?

Faodaidh sibh sgrìobhadh gu Ball ann an cànan sam bith. Ma tha sibh ag iarraidh ceist a dheasbad le Ball, faodaidh sibh iarraidh oirbh seirbheisean eadar-mhìneachaidh a chur air dòigh airson coinneamh.

Dè an fhaid a bheir e gus ullachaidhean a dhèanamh?

Thoiribh uimhir a rabhadh is a ghabhas mas e ur toile ma bhios eadar-mhìnichear a dhìth oirbh. Mar as trice bidh rabhadh cola-deug co-dhiù a dhìth, ged a dh’fhaodadh e ùine na b’ fhaide a thoirt gus eadar-mhìnichearan a lorg airson cuid de chànanan agus nuair a bhios feum air seirbheisean le barrachd is aon eadar-mhìnichear.

Faodar tionndadh de chonaltradh a chur air dòigh an taobh a-staigh còig latha-obrach mar as trice. Ach dh’fhaodadh sgrìobhainnean fada (còrr is 3,000 facal), clàraidhean BSL no tionndaidhean gu cànanan sònraichte suas ri 2o latha-obrach a ghabhail.

Am bi agam ri pàigheadh airson eadar-theangachadh no eadar-mhìnichear?

Cha bhi Pàrlamaid na h-Alba a’ cur cosgais air daoine a dh’iarras eadar-theangachadh gu reusanta no a tha feumach air eadar-mhìnichear gus fianais a thoirt do chomataidh, coinneachadh ri Ball, no ceangal a dhèanamh ri gnothach pàrlamaideach. Chan eil cosgaisean a chòrr airson ullachadh BSL.

Ciamar a gheibh mi a-mach barrachd?

Faodaidh sibh Poileasaidh-cànain Pàrlamaid na h-Alba (63.2KB)  a lorg air an làrach-lìn againn. Faodaidh sibh fios a chur gu Seirbheis Fiosrachaidh a’ Phobaill cuideachd gus na tha a dhìth oirbh a dheasbad.

Fios thugainn 

Seirbheis Fiosrachaidh a’ Phobaill
Pàrlamaid na h-Alba

Dùn Èideann

EH99 1SP

Fòn: 0131 348 5000

0800 092 7500 (ceistean poblach)

Faodaidh luchd-cleachdaidh fòn-teacsa fios a chur thugainn air 0800 092 7100.

Tha sinn cuideachd a’ cur fàilte air conaltradh fo sheirbheis Text Relay.

Facs: 0131 348 5601

Teacs: 07786 209888

Post-dealain:

sp.info@scottish.parliament.uk