Riochdachadh na Pàrlamaid aig Baile is Thall Thairis

Anns an dreuchd agam mar Oifigear Riaghlaidh, tha uallach orm, le taic bho na Leas-oifigearan againn, Pàrlamaid na h-Alba a riochdachadh aig an taigh is thall thairis. Tha seo a’ toirt leis farsaingeachd de dhleastanasan, rud a ghabhas cuid nach beag de mo chuid ùine. Dh’fhaodadh obair an riochdachaidh dol bho fhrithealadh air tachartasan Rìoghail, a' gabhail ri riochdairean air feadh an t-saoghail, a' dol an ceannas air buidhnean-riochdachaidh a-mach à Alba, agus a' toirt seachad òraidean aig tachartasan sa phàrlamaid is air feadh na h-Alba, agus aig co-labhairtean eadar-nàiseanta.

 

Tha na cruinneachaidhean seo de dh'ìomhaighean nan dealbh air an taobh seo den obair againn.

  • image title

    description