Naidheachd

 

Tha Comataidh an Ionmhais & na Bun-reachd Thaigh an Ròid a’ rabhadh gu bheil fianais làidir ann air cunnart deamografaigeach a thaobh meud buidseat na h-Alba

Tha fianais làidir ann gu bheil cunnart deamografaigeach a’ bagairt air meud buidseat na h-Alba san àm ri teachd, a rèir Comataidh an Ionmhais & na Bun-reachd aig Taigh an Ròid. Dh’fhaodadh seo buaidh a thoirt air caiteachas poblach ann an Alba.

Rodger_Shearer

Taisbeanadh pàrlamaideach a’ rùrach na h-Alba tro lionsa nan oileanach dealbh-thogail.

Thèid obair-ealain bho fheadhainn de na dealbhadairean neo-dhreuchdail as fheàrr ann an Alba a thaisbeanadh nas anmoiche sa mhìos seo mar phàirt de thaisbeanadh ùr aig Pàrlamaid na h-Alba.

BPA a’ sireadh bheachdan air moladh a chuireadh crìoch gu peanasachadh corporra do chloinn

Tha Comataidh Co-ionnanachdan agus Còraichean Daonna air gairm airson bheachdan a chur air bhog air molaidhean a bhiodh a’ toirt air falbh ‘peanasachadh reusanta’ mar leisgeul ann an lagh na h-Alba.

Ainmean nan daoine a thuit sa Chiad Chogadh gu bhith a’ soillseachadh Pàrlamaid na h-Alba mar chomharradh urraim

Thèid ainmean nan daoine a bhàsaich fhad ’s a bha iad a’ dèanamh seirbheis às leth Alba anns a’ Chiad Chogadh Mhòr a phròiseactachadh air togalach Pàrlamaid na h-Alba air Didòmhnaich 11 Sultain 2018 ...

Comataidh a’ Cheartais a’ toirt taic do roghainnean eile an àite nan cùirtean

Tha Comataidh a’ Cheartais ann an Taigh an Ròid a’ toirt taic do chleachdadh a bharrachd de dhòighean-obrach leithid Rèiteach Eadar-roghnach airson Deasbadan ...

Comataidh aig Taigh an Ròid gu bhith a’ tadhal air Dùn Dè

Tha a’ Chomataidh an-dràsta a’ rannsachadh bochdainn ann an obair agus dè a’ bhuaidh a tha aig siostam tèarainteachd shòisealta againn orrasan a tha ann an obair ach le teachd-a-steach ìosal.

Fiosrachadh air cosgaisean nam BPA airson 2017/18 air fhoillseacheadh air-loidhne

Tha fiosrachadh làithreach air cosgaisean pàrlamaideach nam BPA uile air fhoillseachadh an-diugh air an eadar-lìon.

Leudaich cothrom air dreuchdan laghail, tha Comataidh a’ Cheartais ag ràdh

Tha Comataidh a’ Cheartais ann an Taigh an Ròid ag iarraidh air sgoiltean, oilthighean agus Comann Lagha na h-Alba beachdachadh air dè na cnap-starraidhean a tha a’ bacadh dhaoine bho dhreuchd neach-lagha.

Pàrlamaid na h-Alba ag ath-ùrachadh a gealltanais ri Gàidhlig le plana cànain còig bliadhna

Tha Pàrlamaid na h-Alba air a gealltanas ri Gàidhlig ath-ùrachadh le foillseachadh a’ Phlana Ghàidhlig ùr aice.

Comataidh aig Taigh an Ròid a’ sireadh bheachdan air targaid ùr airson bochdainn connaidh

Thèid moladh air reachdas a tha a’ stèidheachadh targaid ùr airson cur às do bhochdainn connaidh a sgrùdadh le Comataidh Riaghaltas Ionadail is Choimhearsnachdan.

Lean air na meadhanan sòisealta sinn

Twitter logo   Wordpress logo

Facebook logo   YouTube logo

Follow us on Twitter

Keep up to date